Corp ga lorg sna Hearadh

  • 17 Am Màrt 2014
Eideard Jackson Image copyright Police Scotland
Image caption Bhuineadh Mgr Jackson do sgìre Phreston ann an Sasainn.

Tha Poilis na h-Alba air dearbhadh gu bheil iad air corp a lorg anns na Hearadh, far an robh fireannach air a bhith a dhìth bho Dhisathairne.

Chaidh Eideard Jackson, a bh' air saor-làithean coiseachd, fhaicinn mu dheireadh Là na Sàbaid eadar Màraig agus Urgha an Ceann a Tuath na Hearadh.

Bhuineadh Mgr Jackson, a bha 55, do sgìre Phreston ann an Sasainn.

Bha sgiobaidhean teasairginn, le heileacoptair agus coin, a-muigh air a' mhonadh a' feuchainn ri sealladh fhaighinn air.