Fèill air feòil nan gèadh glasa

  • 14 Am Màrt 2014
Geòidh
Image caption Sa Ghearran, dh'innis Dulachas Nàdair na h-Alba gum faigheadh sealgairean ann an Uibhist cead sònraichte airson na geòidh a thathar air a mharbhadh a reic ri luchd-reic an eilein.

Tha iarrtas ann mar-thà ann an sgìrean eile sna h-Eileanan airson feòil nan gèadh glasa, ged nach eil ach beagan làithean bho thòisichear ga reic ann an Uibhist.

Tha bùidsear ann am Beinn nam Fadhla a' feuchainn grunn dhòighean air an fheòil a' chleachdadh, burgairean le mullagan dearg nam measg.

Anns a' Ghearran, dh'innis Dulachas Nàdair na h-Alba gum faigheadh sealgairean ann an Uibhist cead sònraichte airson na geòidh a thathar air a mharbhadh a reic ri luchd-reic an eilein.

Feumaidh cead a bhith aig an luchd-reic fhèin cuideachd gus feòil nan gèadh glasa a reic.

Ceadan

Tha cead mar-thà aig bùth bhùidseir MhicIlleathain ann am Beinn nam Fadha, far a bheil Ailean MacIlleathain na stiùiriche.

Dh'innis Mgr MacIlleathain gu bheilear air grunn reasabaidhean fheuchainn, 's gun do dh'obraich cuid dhiubh nas fheàrr na cuid eile.

"Tha mi a' smaoineachadh, rè ùine, gum faighear rudan glè bhlasta asta," thuirt e.

Gu ruige seo, thathar air burgairean, mions agus coiridh a dhèanamh leis an fheòil.

"Cha b' àbhaist gum bu toil leamsa gèadh, ach tha seo a' còrdadh rium. Tha e cianail blasta," thuirt Mgr MacIlleathain mun choiridh.

Burgairean

Airson burgairean a dhèanamh, thathar a' pronnadh feòil nan gèadh glasa còmhla ri feòil muice, leis nach eil ach glè bheag de gheir air na geòidh.

Thathar an uair sin a' cur spìosraidh is mullagan dearg nam measg, mus tèid a phronnadh a-rithist.

Chan eil ach beagan làithean bho fhuair muinntir Uibhist blasad de na burgairean, ach tha cuid ann an Leòdhas mar-thà air cothrom blasad fhaighinn.

"Na tha air fheuchainn, tha e a' còrdadh riutha," thuirt Mgr MacIlleathain.

"Chì sinn ciamar a thèid dhuinn. An t-seachdain seo a chaidh na burgairean suas, 's iad a' dol gan cleachdadh ann am bùth an Rubha.

"Tha mi an dòchas gun reic iad an sin," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile