Iomairt gus luchd-turais a thàladh

  • 14 Am Màrt 2014
Na Hearadh
Image caption Chaidh Leòdhas agus na Hearadh ainmeachadh le TripAdvisor mar an t-eilean as fheàrr anns an Roinn Eòrpa airson luchd-turais.

Tha dòchas am measg ceannardan turasachd nan Eilean Siar gun toir iomairt margaideachd ùr spionnadh a bharrachd dha na h-Eileanan as t-Sàmhradh.

Bidh na h-Eileanan an Iar am measg na h-àiteachan a thèid a mhargaidheachd le VisitScotland tron iomairt ùr, Brilliant Moments, anns a bheil luach £5.3m.

Tha an iomairt ag amas air luchd-turais a thàladh às a h-uile ceàrnaidh den dùthaich.

Thuirt Manaidsear nan Eilean Siar aig VisitScotland, Ailean MacCoinnich: "'S e seo a' phrìomh iomairt a th' againne airson na seusain a tha romhainn.

"Tha sinn ag obrachadh gu cruaidh, a' feuchainn ri daoine a thàladh dha na h-Eileanan.

TripAdvisor

Chaidh Leòdhas agus na Hearadh ainmeachadh le TripAdvisor mar an t-eilean as fheàrr anns an Roinn Eòrpa airson luchd-turais.

Thèid diofar mhodhan de shanasachd a chleachdadh leis a' bhuidheann; a bharrachd air bileagan a chur tro dhorsan dhaoine, bithear a' cleachdadh meadhanan shòisealta, leithid Facebook, agus pàipearan-naidheachd air feadh na dùthcha.

Thathar dòchasach gum bi na dealbhan 's an fhiosrachaidh a thathar a' cur a-mach tarraingeach do dhaoine air feadh Bhreatainn.

'S e bliadhna shònraichte a th' ann an 2014, chan ann a-mhàin anns na h-Eileanan, ach air feadh na dùthcha, le tachartasan mòra spòrs a' tighinn a dh'Alba - Cupa Ryder ann an Gleann Eagais agus Geamannan a' Cho-fhlaitheis an Glaschu.

Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh

Mar phàirt de Bhliadhna an Tilleadh Dhachaigh, tha VisitScotland cuideachd an sàs ann an iomairt cuide ri CalMac agus Serco NorthLink Ferries, far an tèid 8,000 ticead aiseig a thoirt do dhaoine an asgaidh airson am brosnachadh gus tadhal air eileanan na h-Alba.

Thuirt Mgr MacCoinnich gur e 2014 a' bhliadhna anns am bi "Alba a' cur fàilte air an t-saoghal", le buidhnean leithid VisitScotland a' dèanamh strì mhòr airson daoine a thàladh gu gach ceàrnaidh de dh'Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile