"Co-dhùnadh beatha" a th' anns an referendum

  • 14 Am Màrt 2014
Daibhidh Camshron Image copyright Reuters
Image caption Fosglaidh am Prìomhaire co-labhairt nan Tòraidhean Albannach le bhith ag ràdh gun reubadh neo-eisimeileachd do dh'Alba an Rìoghachd Aonaichte às a chèile.

Fosglaidh am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, co-labhairt nan Tòraidhean Albannach Dihaoine le bhith a' dèanamh coimeas eadar an referendum air neo-eisimeileachd agus fear de na co-dhùnaidhean mòra a tha daoine a' dèanamh nam beatha.

A' bruidhinn ann an Dùn Èideann, canaidh e gun reubadh neo-eisimeileachd do dh'Alba an Rìoghachd Aonaichte às a chèile.

Nì am Prìomhaire coimeas eadar a' bhòt san t-Sultain agus co-dhùnadh mòr na do bheatha - coltach ri bhith a' ceannach taigh no a' ceannach càr.

Canaidh e nach ceannaicheadh duine taigh gun sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air an toiseach, agus cha cheannaichear càr às aonais MOT.

'S e co-dhùnadh beatha a th' ann, a rèir Mhgr Camshron.

Rabhadh

Bheir e rabhadh cuideachd gun reubadh neo-eisimeileachd "teaghlach nan dùthchannan" san Rìoghachd Aonaichte às a chèile.

Canaidh Mgr Camshron gun deach na cunnartan an lùib neo-eisimeileachd a mhìneachadh le daoine leithid Riaghladair Bhanca Shasainn, Mark Carney, Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jose Manuel Barroso, agus Àrd-Oifigearan bho chompanaidhean leithid BP, Shell, RBS, Lloyds agus Barclays.

Image caption Thuirt Jose Manuel Barroso gum faodadh e a bhith do-dhèanta do dh'Alba ballrachd a chosnadh san Aonadh Eòrpach.

"Chan e pupaidean phoileataigeach a th' anntasan, ach daoine stuama, nach eil leth-bhreitheach," innsidh Mgr Camshron na òraid.

Bhruidhinn Mgr Camshron na bu tràithe am-bliadhna air dìleab nan Geamannan Oilimpigeach.

Ann an Dùn Èideann, bruidhnidh e mu Gheamananan a' Cho-fhlaitheis ann an Glaschu, nach eil ach beagan mhìosan air falbh.

Canaidh e gun tàinig còrr is cairteal den fheadhainn a bha deònach obrachadh gu saor-thoileach aig na Geamannan à sgìrean eile den Rìoghachd Aonaiche, 's nach b' ann à Alba a-mhàin.

Bheir e iomradh air "daoine a bha deònach na ceudan de mhìltean a shiubhal agus a dhol a dh'fhuireach cuide ri caraidean no càirdean, airson a bhith mar phàirt den tachartas seo a tha gar ceangal còmhla".

Molaidhean

Le pàrtaidhean an Aonaidh ag iarraidh air daoine cùl a chur ri neo-eisimeileachd, feumar mìneachadh a thoirt air na tha iadsan a' gealltainn an àite neo-eisimeileachd.

Tha na Lib-Deamaich mar-thà air na molaidhean aca-san fhoillseachadh, agus chan fhada gus an cluinn sinn molaidhean a' Phàrtaidh Làbaraich.

Tha coltas ann ge-tà, nach cluinnear molaidhean nan Tòraidhean aig a' cho-labhairt seo - a' ciallachadh nach fhaigh buill a' phàrtaidh an cothrom molaidhean Tòraidheach airson leudachadh air fèin-riaghladh a dheasbad.

Oidhche Ardaoin, nochd beachd bhon Mhorair Iain Lang, a bha uair na Rùnaire Stàite, nach bu choir dha na Tòraidhean an cuid mholaidhean fhoillseachadh gu an dèidh na bhòt air neo-eisimeileachd.

Tha làn-dùil gun tig cuideam air a' phàrtaidh am beachdan fhoillseachadh, ach tha coltas nach tachair sin thairis air an deireadh-sheachdain seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile