Ionad heileacoptair teasairginn ùr

  • 13 Am Màrt 2014
Heileacoptair
Image caption Tha Bristow an-dràsta a' stiùireadh sheirbheisean teasairginn ann an Steòrnabhagh.

Thòisichear a' togail ionaid ùir airson heileacoptairean teasairginn aig Port-adhair Inbhir Nis air an t-seachdain seo.

Bidh an t-ionad am measg seachd goireasan ùra a thèid a thogail air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

Tha dùil gum bi an t-ionad deiseil sa Ghiblean an ath-bhliadhna.

Thèid heileacoptairean teasairginn ùra, criubhaichean agus sgiobaidhean-taice a stèidheachadh aig an ionad ùr.

Bristow

Thèid na heileacoptairean a stiùireadh leis a' chompanaidh Bristow Helicopters Earranta, ag obair às leth Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich.

Fhuair a' chompanaidh an cùmhnant airson seirbheisean teasairginn heileacoptair a stiùireadh air feadh Bhreatainn.

Tha Bristow Helicopters Earranta an-dràsta a' stiùireadh sheirbheisean teasairginn ann an Stèornabhagh.

Mar phàirt den leasachadh, thèid clàran-grèine agus siostam a chruinnicheas agus a chuireas uisge gu feum a thogail.

Thèid an t-ionad ann an Inbhir Nis a chleachdadh bhon Ghiblean 2015, nuair a bhios heileacoptairean teasairginn ùra stèidhichte ann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile