Moladh mu ospadal ùr an Eilein

Uidheam dhotair Tha a' bhuidheann-stiùiridh a' moladh ionad-slàinte nas lugha, anns nach bi leapannan ospadail, a stèidheachadh ann am Port Rìgh.

Thèid moladh mu choinneimh cheannardan slàinte na Gàidhealtachd gum bu chòir ospadal ùr a bhios a' frithealadh an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse agus iar-dheas Rois a stèidheachadh san Ath Leathann.

Tha buidheann-stiùiridh a th' air a bhith a' rannsachadh sheirbheisean slàinte agus cùraim shòisealta na sgìre cuideachd a' moladh ionad-slàinte nas lugha, anns nach bi leapannan ospadail, a stèidheachadh ann am Port Rìgh.

Thèid molaidhean na buidhne mu choinneamh Bòrd NHS na Gàidhealtachd air an ath-mhìos.

Thuirt fear de chomhairlichean an eilein, Hamish Friseal, gun deach mòran obrach a dhèanamh sna mìosan a chaidh seachad - anns a' chiad àite, a' dèanamh cinnteach gun tèid na seirbheisean a thathar ag iarraidh a stèidheachadh.

Thuirt Mgr Friseal gun robhar o chionn ghoirid a' coimhead ri làraich san Ath Leathann a tha leis an NHS fhèin, a' ciallachadh nach bi cosgaisean mòra na lùib.

Suidheachadh

Thathar den bheachd gu bheil suidheachadh an ospadail glè chudromach, gu h-àraidh seach gu bheilear a-nis a' frithealadh agus a' coimhead às dèidh slàinte anns an Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus pàirt de Shiorrachd Rois.

Cuideachd, leis gur ann san Ath Leathann a tha Ospadal an Eilein Sgitheanaich an-dràsta, dh'fhaodadh gu bheil daoine cleachdte ris an t-suidheachadh a th' ann.

Aig a' cheart àm ge-tà, dh'fhaodadh gum biodh muinntir cheann a tuath an eilein mì-thoilichte nach bi leapannan ospadail ann an ionad ùr Phort Rìgh.

Thuirt Mgr Friseal gu bheilear fhathast aig ìre thràth, a' toirt sùil air làraichean agus na cosgaisean a bhiodh nan lùib.

Tòisichidh co-chomhairleachadh a mhaireas trì mìosan a dh'aithghearr gus cothrom a thoirt do mhuinnir na sgìre am beachdan a thoirt seachad.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.