Co-chomhairleachadh mu phlanaichean a' Cho-op

  • 12 Am Màrt 2014
Bùth air air Tairbeart
Thèid co-chomhairleachadh a chumail agus na h-uimhir de dhraghan air nochdadh mun bhuaidh a bhiodh aig bùth ùir air gnìomhachasan ionadail.

Nì Urras Cheann a Tuath na Hearadh co-chomhairleachadh poblach air am bu chòir tuilleadh chòmhraidhean a chumail leis a' Cho-Op mu bhith a' fosgladh bùtha air an Tairbeart.

Thèid ceisteachain a sgaoileadh gu muinntir na h-oighreachd aig deireadh na seachdain seo, no toiseach na h-ath-sheachdain, agus feumaidh na freagairtean a bhith a-staigh ron 27mh.

Thèid co-chomhairleachadh a chumail agus na h-uimhir de dhraghan air nochdadh mun bhuaidh a bhiodh aig bùth ùir air gnìomhachasan ionadail.

Thuirt cathraiche an Urrais, Calum MacAoidh, gur e aon cheist a-mhàin a bhios anns a' cheisteachan: "A bheil sluagh Cheann a Tuath na Hearadh airson 's gum bruidhinn an t-Urras ris a' Cho-op mun iarrtas a th' aca làrach a lorg airson bùtha ann an Ceann a Tuath na Hearadh."

Bhòt

Thuirt e gun tèid an gnothach a ruith às leth an Urrais le Comhairle nan Eilean Siar - 's e a' Chomhairle a bhios a' sgaoileadh nan ceisteachan, gan gabhail a-steach air ais, agus gan cunntais aig deireadh an là.

Leis gur e bhòt a th' ann, dh'innis Mgr MacAoidh gum bi an ath-cheum sa phròiseas a' crochadh air na beachdan a thilleas bho mhuinntir na sgìre.

"Bidh dè thachras às dèidh seo, bidh e dìreach an urra ri dè a chanas am mòr-shluagh.

"Ma chanas am mòr-shluagh, 'chan eil sinne airson 's gun dèan Urras Cheann a Tuath na Hearadh an còrr còmhraidh ris a' Cho-op,' cha thachair e," thuirt Mgr MacAoidh.

Mì-chinnt

Thuirt e gun robh cùisean aig ìre gu math tràth fhathast agus gur ann a tha an Co-op a' rannsachadh co-dhiù am biodh làrach freagarrach ri fhaighinn anns na Hearadh.

Thuirt e cuideachd nach robh cinnt sam bith fhathast am biodh làrach freagarrach ri fhaighinn, no am biodh an Co-op ag iarraidh tighinn dha na Hearadh an dèidh dhaibh a' chùis a rannsachadh.

Thèid na ceisteachain a-mach sa phost aig deireadh na seachdain seo, no toiseach na h-ath-sheachdain.