Geòidh air sgèith
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Co-labhairt nan gèadh ann an Ìle

11 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha e coltach gun robh tuathanaich is croitearan agus luchd-glèidhteachais a' tarraing air an aon ràmh aig co-labhairt mu na geòidh ann an Ìle.

Thàinig còrr is 40,000 gèadh dhan eilean thairis air a' gheamhraidh seo agus iad a' dèanamh dragh orrasan a tha a' feuchainn ri feur fhàs.

Bha Andreas Wolff an làthair agus fhuair e facal air Murchadh MacIllinnein bho Choimisean na Croitearachd.