Carney a-rithist ga cheasnachadh

  • 11 Am Màrt 2014
Mark Carney Image copyright Getty Images
Image caption Bha Mgr Carney ann an Dùn Èideann san Fhaoilleach airson òraid a thoirt seachad mun bhuaidh a bheireadh neo-eisimeileachd air siostaman airgid.

Thèid tuilleadh cheistean air Riaghladair Bhanca Shasainn Dimàirt mu aonadh-airgid nam faigheadh Alba neo-eisimeileachd.

Bidh Mark Carney a' toirt fianais do Chomataidh Thaghte an Ionmhais ann an Taigh nan Comantan.

Thuirt e na bu tràithe am-bliadhna gum feumadh Alba neo-eisimeileach beagan de a cumhachd a ghèilleadh mus obraicheadh aonadh-airgid leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Bha Mgr Carney ann an Dùn Èideann san Fhaoilleach airson òraid a thoirt seachad mun bhuaidh a bheireadh neo-eisimeileachd air siostaman airgid.

On uair sin tha an Seansalair, Seòras Osborne, air a ràdh nach cuireadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an ainm ri aonadh-airgid fhoirmeil le Alba neo-eisimeileach.

Tha dùil gum bi luchd an Aonaidh a-nis dòchasach gum bi beachdan Mhgr Carney a' tighinn nas fhaisge air na bh' aig Mgr Osborne ri ràdh.

Casaidean

A thuilleadh air an sin, cuiridh Buill-Phàrlamaid aig Westminster ceistean air Mgr Carney mu chasaidean gun robh fios aig oifigich aig a' bhanca mu oidhirpean air prìsean a stèidheachadh ann am margaidh an airgid chèin.

Image copyright AFP
Image caption Tha Banca Shasainn a' dol às àicheadh nan casaidean.

Nochd mionaidean an t-seachdain seo chaidh bho choinneimh a chaidh a chumail ann an 2006, a' sealltainn gun deach innse do dh'aon àrd-oifigeach mu oidhirpean air a' mhargaidh a stiùireadh.

Chaidh fear bhon Bhanca a chur far obrach rè-ùine mar thoradh air na ceistean seo.

Tha am Banca a' dol às àicheadh ge-tà, gun robh iad an sàs anns a' chleachdadh seo, no gun robh eòlas sam bith aca mu dheidhinn.

Thèid sgrùdadh a dhèanamh taobh a-staigh Bhanca Shasainn, agus thathas air sgioba-lagha bhon taobh a-muigh a thoirt a-steach airson cuideachadh a thoirt dhan luchd-sgrùdaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile