Iris ùr Ghàidhlig ri fhaotainn air-loidhne

  • 10 Am Màrt 2014
Suaicheantas Dàna Image copyright Dàna
Image caption 'S i an aon iris Ghàidhlig a bhios ri fhaotainn, an dèidh do Chothrom, Gairm, Gath 's an Gàidheal Ùr a dhol à bith.

Tha iris ùr Ghàidhlig air nochdadh, ged nach eil i sa chruth àbhaisteach.

'S e iris air-loidhne a th' ann an Dàna, agus an fheadhainn a th' air a chùlaibh ag ràdh gu bheil beàrn ann airson an leithid.

'S e seo a' chiad oidhirp air an leithid a chruthachadh agus ma shoirbhicheas leatha, 's i an aon iris Ghàidhlig a bhios ri fhaotainn, an dèidh do Chothrom, Gairm, Gath 's an Gàidheal Ùr a dhol à bith.

Mhìnich Liam Alasdair Crouse, a tha gu mòr an sàs anns a' phròiseact, gur e a tha seo ach àite air-loidhne far am faod luchd-labhairt na Gàidhlig a thighinn còmhla airson còmhradh no deasbad a chumail air iomadach cuspair.

Cothrom

Thuirt e gun toireadh e cuideachd cothrom do dhaoine artaigilean, naidheachdan agus seanchasan a sgaoileadh.

B' ann san Dùbhlachd an-uiridh, nuair a nochd an naidheachd gun robh Cothrom a' dol à bith, a thòisichear a' bruidhinn mun phròiseict.

Dh'innis Mgr Crouse gun robh e iomgaineach nach biodh iris ri fhaighinn ann an saoghal na Gàidhlig tuilleadh, agus thòisichear a' smaointinn air iris air-loidhne a chruthachadh do choimhearsnachd na Gàidhlig.

Sgrìobh do Dhàna

Anns na trì mìosan a dh'fhalbh, tha sgioba de chòignear air a bhith a' togail na làraich agus a' sgrìobhadh artaigilean fo dhiofar chuspairean - Naidheachdan & Poileataigs, Cànan & Cultar, Saidheans & Teicneolas, Spòrs agus Sgrìobhadh Cruthachail.

Tha grunn luchd-sgrìobhaidh an sàs ann an Dàna mar-thà, ach thathar cuideachd ag amas air stuth fhaighinn bhon luchd-cleachdaidh.

Thuirt Mgr Crouse gun cuirear fàilte air pìosan sgrìobhadh sam bith.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile