Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mailèisia

Thuirt poilis ann am Mailèisia gu bheil iad den bheachd gu bheil dearbhadh aca air cò fear den dithis dhaoine a chleachd ceadan-siubhail a chaidh an goid airson àite fhaighinn air a' phlèan a chaidh às an t-sealladh Dihaoine, air slighe à Kuala Lumpur gu Beijing. Thuirt iad nach buineadh e do Mhailèisia. Cha deach sprùilleach sam bith fhaighinn bhon itealan, air an robh 239 duine, ged a tha aithrisean ann air stuth anns a' mhuir far cladach Bhietnam.

Neo-eisimeileachd

Nì seann cheannard nan Lib-Deamach, Sir Menzies Caimbeul, òraid ann an Dùn Èideann an-diugh an aghaidh neo-eisimeileachd do dh'Alba. Canaidh esan gum bi roghainn chiallach aige, seach na beachdan cumhang airson neo-eisimeileachd. Bidh an t-seann Phrìomh Mhinistear agus Seansalair Làbarach, Gòrdan Brown, ag innse cuideachd mu na molaidhean a th' aige-san airson tuilleadh chumhachdan do Phàrlamaid Holyrood, mar dhòigh air àite na h-Alba a neartachadh anns an Rìoghachd Aonaichte.

Am Pàrtaidh Làbarach

Tha na Làbaraich ag ràdh, ma ghleidheas iad san Taghadh Choitcheann an ath-bhliadhna, gun stèidhich iad sgeama a bheir gealltanas air cosnadh do dh'òigridh a tha gun obair. Bhiodh iad a' pàigheadh airson na sgeama sin le bhith a' cur stad air faochadh chìsean air peinnsean dhaoine beartach, agus le cìs ùr air bònus nam bancairean. Ach tha na Tòraidhean ag ràdh gu bheil na Làbaraich air an t-airgead sin a ghealltainn cuideachd do shreath de sgeamaichean eile.

Eaconamaidh

Tha Seòmraichean Malairt Bhreatainn den bheachd gun till eaconamaidh Bhreatainn air an t-Samhradh seo gun mheud aig an robh i ron chrìonadh. Tha a' bhuidheann sin cuideachd a' suileachadh fàs de 2.8% am-bliadhna, beagan nas motha na bha dùil. Aig an aon àm, thuirt aithisg mhìosail bho Bhanca na h-Alba gun deach an àireamh dhaoine a tha a' cosnadh aig companaidhean prìobhaideach ann an Alba suas aig an ìre as motha ann an 16 bliadhna.

Dùnrath

Bheir Ministear na h-Àrainneachd, Richard Lochead, fiosrachadh do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh mu thachartas aig ionad niuclasach Dhùnrath bho chionn dà bhliadhna, nuair a sgaoil rèididheachd bho deuchainn dhan Chablachd Rìoghail. Tha aimhreit ann leis gun deach sin a chleith air Riaghaltas na h-Alba. Tha e air tighinn am follais cuideachd gun do dh'iarr Ministrealachd an Dìon air Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba, SEPA, gun guth a ràdh mun chùis, air adhbharan tèarainteachd.

CalMac

Tha comhairliche Leòdhasach ag iarraidh àrd-oifisean ChalMac a ghluasad à Guireag dha na h-Eileanan an Iar, agus riochdairean às na h-Eileanan air bòrd-stiùiridh na companaidh. Tha Alasdair MacLeòid, a tha na chathraiche air Comataidh Leasachaidh Maireannach Chomhairle nan Eilean Siar, air gearain gu làidir ris a' chompanaidh mun t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul air a' gheamhradh, agus mun bhàt'-aiseig, an Isle of Arran, a bh' air an t-seirbheis fhad 's a bha iad a' càradh an Isle of Lewis.