Comhairliche a' moladh àrd-oifisean ChalMac a ghluasad

  • 10 Am Màrt 2014
MV Isle of Lewis Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha comhairliche Eileanach ag iarraidh gun tèid àrd-oifisean ChalMac a ghluasad dha na h-Eileanan an Iar.

Dh'iarr comhairliche Eileanach gun tèid àrd-oifisean ChalMac a ghluasad dha na h-Eileanan an Iar, agus gun tèid riochdairean eileanach a chur air bòrd-stiùiridh na companaidh.

Tha cathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Alasdair MacLeòid, air gearain làidir a dhèanamh nach eil an t-seirbheis a tha a' chompanaidh a' tabhann thar a' Gheamhraidh eadar Steòrnabhagh is Ulapul idir freagarrach.

Ged nach b' e geamhradh furasta a bh' ann do dhuine sam bith, gu h-àraidh do bhàtaichean-aiseig, tha comhairlichean mothachail gu bheil daoine san là a th' ann a' saoilsinn gum bu chòir cofhurtachd a bhith aca nuair a tha iad a' dol tarsainn a' chuain.

Gearainnean

Dh'innis an Comh. MacLeòid gu bheil e air trì no ceithir ghearainean fhaighinn thairis air a' chola-deug a chaidh seachad mun MV Isle of Arran.

"Tha i ro aosta. Tha i ro bheag. Chan eil goireasan gu leòr oirre.

"Chan eil mi a' tuigsinn carson a chur CalMac an Isle of Arran air slighe Steòrnabhagh-Ulapul, agus bàtaichean eile aca," thuirt Mgr MacLeòid.

Image caption Chaidh inbhe an eilein thurasachd as fheàrr san Roinn Eòrpa a bhuileachadh air Leòdhas agus na Hearadh.

O chionn beagan sheachdainean chaidh inbhe an eilein turasachd as fheàrr san Roinn Eòrpa a bhuileachadh air Leòdhas agus na Hearadh, a rèir na làraich-lìn eadar-nàisanta siubhail TripAdvisor.

Le seusan na turasachd a' teannadh dlùth, thuirt Mgr MacLeòid: "Tha mi a' smaoineachadh gur e rud amaideach dha-rìribh a bh' ann, a' cur bàta beag mar seo air an t-slighe eadar Ulapul is Steòrnabhagh.

Duilgheadasan

Tha duilgheadasan air a bhith aig CalMac o chionn ghoirid: bhris an MV Isle of Lewis sìos, chaidh tè no dhà de na soitheachan eile a chur air falbh airson obair bhliadhnail a dhèanamh orra, agus mar sin, tha coltas nach robh roghainn eile aca.

Thuirt Mgr MacLeòid gu bheilear a' gabhail ris an sin ach, leis gur e seo a' phrìomh shlighe aig CalMac, gum bu chòir gum biodh iad nas ullaichte às dèidh nan rudan a chaidh ceàrr leis an Isle of Lewis thairis air na mìosan.

Tha a' Chomhairle cuideachd iomagaineach nach eil duine às na h-Eileanan an Iar an-dràsta air bòrd-stiùiridh ChalMac.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e droch rud a tha sin. Chan eil duine a' strì 's a' sabaid airson na seirbheis againn," thuirt e.

Bheachdaich Mgr MacLeòid cuideachd gum biodh e math nam biodh àrd-oifisean ChalMac stèidhichte anns na h-Eileanan an Iar.

"'S ann an seo a tha a' mhòr-chuid a bhios a' cleachdadh nam bàtaichean-aiseig.

"Chan eil adhbhar sam bith san là a th' ann, mar a tha teicneòlas agus goireasan eile, nach fhaodadh prìomh oifis ChalMac a bhith anns na h-Eileanan an Iar," thuirt e.

Dòchasach

Thuirt Mgr MacLeòid gu bheilear dòchasach gun tig piseach sa chùis nuair a thig an t-soitheach ùr, an MV Loch Seaforth.

"Bu choir dhi a bhith freagarrach ach, le na trioblaidean teicnigeach a th' air a bhith aig an Isle of Lewis fhèin, bhiodh e fada na b' fheàrr nan cumadh iad an Isle of Lewis anns na h-Eileanan airson bliadhna co-dhiù, gus an dèan sinn cinnteach gu bheil am bàta ùr gu bhith freagarrach," thuirt Mgr MacLeòid.

Thuirt labhraiche bho ChalMac gu bheil iad a' gabhail ris nach e an MV Isle of Arran as freagarraiche airson na slighe fhad 's a tha an MV Isle of Lewis ga càradh, ach gu bheil glè bheag de roghainn aca.

Thuirt iad cuideachd gun do rinn iad gach oidhirp gus an MV Isle of Lewis a thilleadh gu slighe Steòrnabhaigh cho luath 's a b' urrainn dhaibh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile