Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Ugràin

Thuirt an Kremlin gu bheil astar mòr fhathast eadar an Ruis agus na Stàitean Aonaichte mun dòigh as fheàrr air dèiligeadh ris an èiginn anns an Ugràin. Bhruidhinn an Ceann-suidhe Obama agus Ceann-suidhe na Ruis, Vladimir Putin, air a' fòn a-rithist an-raoir mun chùis. Dh'iarr Mgr Obama air Mgr Putin fuasgladh dioplòmasach fhaighinn, ach thuirt Mgr Putin gum feum esan èisteachd ris an taic a tha sluagh Chrimea ag iarraidh.

Alliance Trust

Thuirt a' chompanaidh tasgaidh Alliance Trust a tha stèidhichte ann an Dùn Dè, gu bheil iad a' tòiseachadh air companaidhean a chlàradh ann an Sasainn ron referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba. Thuirt a' bhuidheann gur e mì-chinnt mu chìsean, riaghladh an ionmhais agus dè an t-airgead a bhiodh Alba neo-eisimeileach a' cleachdadh as coireach gu bheil iad a' dèanamh sin.

Danny Alexander

Thuirt Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, gun dèanadh neo-eisimeileachd do dh'Alba triobaidean mòra do ghnìomhachas nam peinnseanan. Thuirt e cuideachd nach gluais na prìomh phàrtaidhean poileataigeach nam beachd an aghaidh a bhith a' roinn an Not. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil na pàrtaidhean sin a' feuchainn ri car a thoirt às an t-sluagh.

Poilis a' Mhet

Thuirt Doreen Lawrence, màthair Stephen Lawrence, an deugaire dubh a chaidh a mhurt ann an Lunnainn bho chionn còrr is 20 bliadhna, gum feum feadhainn an dreuchdan a chall ma thèid dearbhadh nach do rinn poilis mar a bu chòir. Dh'innis Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, an-dè, gum bi rannsachadh poblach ann an dèidh aithisg a chàin dòighean-obreach Poilis a' Mhet aig an àm. Tha an aithisg sin ag ràdh gun robh na Poilis gu dìomhair a' cumail sùil air an teaghlach Lawrence. Thuirt athair Stephen Lawrence nach eil earbsa sam bith aigesan gum faigh rannsachadh poblach gu fìrinn na cùise.

Oighreachd a' Chrùin

Thuirt Comataidh Chùisean na h-Alba aig Westminster gur ann aig na coimhearsnachdan ionadail a bu chòir smachd a bhith air grunnd na mara agus na cladaichean, seach aig Oighreachd a' Chrùin. Thuirt a' Chomataidh gu bheil iad gu math mì-thoilichte nach d'fhuair iad fhathast freagairt do mholadh den aon sheòrsa a rinn iad bho chionn dà bhliadhna.

Ionadan-seirbheis Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid beachd an t-sluaigh iarraidh air plana Comhairle na Gàidhealtachd airson còrr is an dàrna leth de dh'ionadan-fiosrachaidh ionadail na Comhairle a dhùnadh. An dèidh mòran ghearainnean tha a' Chomhairle ag ràdh gum beachdaich iad a-rithist air a' phlana sin.

Na h-Aiseagan

Tha droch shìde a' cur maill air seirbheisean-aiseig an-diugh. Tha cus dhiubh ann airson an ainmeachadh uile, ach nam measg tha an tè eadar Ulapul is Steòrnabhagh na tàmh an-dràsta. Bidh co-dhùnadh ann feasgar a thaobh seòladh às Ulapul aig 5:35f a-nochd. Aiseag Chaolas na Hearadh, tha i na tàmh an còrr den là an-diugh, cha sheòl i an-diugh tuilleadh. Tha aiseag Chaolas Bharraigh na tàmh cuideachd. Bheir iad sùil aig 3:00f, air cuin a sheòlas i a-rithist. Agus chaidh seòlaidhean eadar an t-Òban, Bàgh a' Chaisteil, agus Loch Baghasdail a chur dheth an còrr den là an-diugh.