Àrd-Oifigeach Shell airson 's gum fuirich Alba mar phàirt den RA

  • 6 Am Màrt 2014
Ben van Beurden Image copyright AP
Image caption Dh'innis Mgr van Beurden do chruinneachadh ann an Lunnainn gu bheil e airson 's gum fuirich Alba mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.

Nochd Àrd-Oifigeach na companaidh ola Shell gum b' fheàrr leis nan leanadh Alba mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.

Dh'innis Ben van Beurden do chruinneachadh ann an Lunnainn gu bheil e a' cur luach air a' chinnt agus air an t-seasmhachd a tha an Rioghachd Aonaichte a' tabhann taobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh moladh air referendum airson an t-Aonadh Eòrpach fhàgail na chunnart dha saibhreas na dùthcha.

An t-seachdain seo chaidh, chuir Shell fàilte air Caibineat na Rìoghachd Aonaichte ann an Obar Dheathain.

Àrd-Oifigich

Aig a' choinneamh sin, thuirt Cathraiche na companaidh, Ed Daniels, gum biodh e ceàrr don chompanaidh a dhol an sàs anns an deasbad agus gur e gnothach a th' anns an referendum do mhuinntir na h-Alba.

Ach ann an Lunnainn air oidhche Chiadain, dh'innis Mgr van Beurden do chruinneachadh ann an Lunnainn gu bheil e airson 's gun fuirich Alba mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt e gu bheil e cuideachd a' cur luach air àite na Rìoghachd Aonaichte anns an Aonadh Eòrpach.

Image copyright Other
Image caption Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh iad deònach coinneachadh ri Shell airson bruidhinn riutha mu am planaichean airson Alba neo-eisimeileach.

Tha a' chompanaidh ola Shell a' cosg £1bn gach bliadhna sa Chuan a Tuath air ola agus gas.

Coinneamh

Tha iad ag ràdh gun lean sin, ach ron referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba san t-Sultain, agus 's dòcha referendum eile aig ìre na Rìoghachd Aonaichte ann an 2017, air ballrachd san Aonadh Eòrpach, tha a' chompanaidh air am beachdan a dhèanamh soilleir.

Tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh gu bheil iad deònach coinneachadh ri Shell airson na planaichean aca airson dùthaich neo-eisimeileach agus ballrachd Alba neo-eisimeileach anns an AE a mhìneachadh dhaibh.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh iad cuideachd den bheachd gun robh moladh air referendum ann am Breatainn airson an t-Aonadh Eòrpach fhàgail na chunnart dha saibhreas na dùthcha.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile