Gearain làidir mu rathaidean Ratharsair

  • 6 Am Màrt 2014
Rathad ann an Ratharsair
Image caption Thuirt Mgr MacIllÌosa gu bheil cuid de na tuill 's cha-mhòr troigh de dhoimhnead annta.

Tha muinntir Ratharsair a' gearain gu làidir air staid rathaidean an eilein agus iad ag ràdh nach robh e riamh cho dona.

Agus le Samhradh 's luchd-turais air fàire an ceann beagan mhìosan tha iad ag iarraidh gun lìonar na tuill san rathad.

Tha an Geamhradh air a bhith fliuch san eilean, agus tha dragh gu bheil sin air na rathaidean a dhèanamh nas miosa.

"Tha na rathaidean a-nise, gu h-àraid aig tuath, nas miosa na bha iad riamh," thuirt John Willie MacIllÌosa, a tha a' fuireach san eilean.

Sporan Poblach

"Chan fhaca mise staid nan rathaidean cho dona 's a tha iad an-dràsta.

"Bha e dona gu leòr an-uiridh, agus thàinig feadhainn a-nall airson beagan càraidh a dhèanamh air an rathad 's na pìosan a rinn iad, tha iad math, gun teagamh sam bith.

"Ach, tha cuid eile den rathad a-nise nas miosa na bha e riamh," thuirt e.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil cion-airgid san sporan phoblach ga dhèanamh duilich piseach a thoirt air a' chùis.

"Tha a' Chomhairle an còmhnaidh ag ràdh gur e cion-airgid a tha ga dhèanamh," thuirt Mgr MacIllÌosa.

"Ach feumaidh airgead tighinn às àiteigin. Tha airgead ga chosg air rudan eile tron Rìoghachd.

"Tha sinn a' cluinntinn a h-uile là gu bheil milleanan a' dol ann an siud 's ann an seo.

"Can an-dràsta an dà chidhe. Cidhe Sgonnsair ann an sin, 's cidhe Ratharsair, agus bàta ùr airson daoine a thoirt a-nall a Ratharsair.

"Nise bha cosgais mhòr ann an sin, agus mur a càir iad na ràthaidean, càite a bheil daoine a' dol a dhol?

"Feumaidh iad a dhèanamh. Chan urrainn dhaibh an rathad fhàgail mar sin, no thig e gu staid nach urrainn dha daoine an rathad a chleachdadh idir.

"Tha tuill anns an rathad mhòr ann an sin, cha-mhòr nach eil troigh de dhoimhnead ann am feadhainn dhiubh.

"Nise, tha e math gu leòr dhomhsa a dhol suas ann an sin, 's tha mi eòlach air an rathad mhòr, 's gabhaidh mi air mo shocair, 's tha càr agam an-dràsta a tha freagarrach airson droch rathad dh'fhaodadh tu a ràdh.

"Ach ma thig feadhainn aig a bheil càraichean a tha nas ìsle na an càr agamsa, chan eil rian aca faighinn tro na tuill a tha sin," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile