Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Ugràin

Tha an Ceann-suidhe Obama air plana ullachadh airson fuasgladh a thoirt air suidheachadh na h-Ugràin. Fon phlana sin bhiodh luchd-faire eadar-nàiseanta a' cur dìon air còirichean an t-sluaigh Ruiseanaich anns na Ugràin, agus air an taobh eile, thigeadh air feachdan na Ruis sgìre a' Chrimea fhàgail. Tha dùil gun tèid sin a dheasbad an-diugh aig coinneimh mhinistearan cèine na h-Eòrpa ann am Paris, far an coinnich Ministear Cèin na Ruis, Sergey Lavrov, agus Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry.

Inimreachd

Chaidh Sràid Downing às àicheadh gun do chùm iad am falach aithisg air buaidh in-imreachd air cosnadh ann am Breatainn. Tha rannsachadh a rinn am BBC a' cur teagamh ann an àireamhan a tha an Riaghaltas a' cleachdadh airson smachd a chur air in-imreachd. Thuirt Sràid Downing nach eil an aithisg deiseil fhathast, agus gun tèid a foillseachadh nuair a bhitheas.

Baghdad

Chaidh 12 duine a mharbhadh ann an sreath de dh'ionnsaighean boma ann an càraichean 's ri taobh an rathaid ann am Baghdad, prìomh bhaile Iorac. Chaidh còrr is 70 eile a leòn sna h-ionnsaighean ann an sgìrean Shi'ia anns a' bhaile.

An Eaglais Chaitligeach

Chuir am Pàp dìon air eachdraidh na h-Eaglaise Caitligich ann an dèiligeadh ri casaidean mu dhìol drabasta an aghaidh chloinne. Thuirt am Pàp, ann a pàipear-naidheachd Eadailteach, nach do rinn buidheann phoblach sam bith eile uimhir ris an Eaglais Chaitligich airson dèiligeadh ris a' chùis. Thuirt na Dùthchannan Aonaichte air a' mhìos a chaidh nach eil an eaglais a' dèanamh gu leòr mu dhrabastachd an aghaidh chloinne.

Comhairle Thaobh Siar Labhdainn

Thuirt comhairle eile, Comhairle Thaobh Siar Labhdainn, gu bheil iad a' beachdachadh air caidreachas nan ùghdarrasan ionadail, Cosla, fhàgail, agus àimhreit ann mu chumhachdan na buidhne sin. Tha còig ùghdarrasan ionadail air Cosla fhàgail mar thà, 's tha Comhairle Baile Ghlaschu, a bharrachd air Comhairle Thaobh Siar Labhdainn air innse gu bheil iad a' beachdachadh air falbh.

Slèite

Fhuair pròiseact airson ionad meadhan-coimhearsnachd ann an Slèite san Eilean Sgitheanach £1m bhon Chrannchur Nàiseanta. Tha Iomairt Chamas Croise agus Dùisdeil a' faighinn an airgid airson ionaid ùir anns am bi talla, bùth agus cafaidh. 'S e sin an t-suim as motha as urrainn dhan Chrannchur Nàiseanta a thoirt do leithid de phròiseact, ach chaidh £200,000 a bharrachd air sin a thoirt dhan choimhearsnachd airson an t-ionad a tha seo a stèidheachadh mar ionad shòisealta.