Dè tha anns a' phasgan?

  • 4 Am Màrt 2014

"Cha bu chòir, ach..."

Nan robh cothrom aca, sin an fhreagairt a bheireadh mòran don cheist "am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich".

Tha an cunntasan-bheachd ag innse dhuinn gum b' fheàrr le tòrr fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte ach gu bheil iad airson 's gun tèid Pàrlamaid na h-Alba a neartachadh mar phàirt dhith.

'S e an trioblaid nach bi an cothrom aca a leithid sin de fhreagairt a thoirt seachad.

Ann an aonta Dhùn Èideann - ris an do chuir Ailig Salmond agus Dàibhidh Camshron an ainmean ann an 2012 - ghabh Riaghaltas na h-Alba ri miann na Co-bhanntachd aig Westminster nach biodh ach aon cheist air a' phàipear-bhaileit.

Dè nì an luchd-bhòtaidh leis a b' fheàrr slighe mheadhanach eadar neo-eisimeileachd agus fèin-riaghladh an là an-diugh?

Uallach

Is coltach gu bheil luchd an Aonaidh a' tomhas gu feumar rudeigin ùr a thabhainn dhaibh gus a bhith cinnteach nach toir iad taic ri neo-eisimeileachd fhèin.

Tha na Tòraidhean, na Làbaraich agus na Lib Deamaich uile air a ràdh gu bheil iad deònach coimhead ri cumhachdan ùra ma bhòtas Albannaich leotha anns an t-Sultainn.

Gu dearbh, an t-seachdain a chaidh thuirt Dùghlas Alexander gum b' fheudar sin a dhèanamh.

Ach tha iad a' tighinn fo thuilleadh ìmpidh cantainn dè dìreach a bhiodh ann.

Tha dùil ri barrachd mìneachaidh aig co-labhairtean an Earraich, a thòisicheas a dh'aithghearr.

Ach chan eil dùil gur e tairgse thar-phàrtaidh a bhios ann.

Cumhachd

Is soilleir gu leòr, ge-tà, dè an seòrsa pasgain a tha fan comhair.

Aig a' chridhe bidh barrachd smachd air cìsean - gu sònraichte air a' chìs chosnaidh - gus am bi dleastanas nas motha air Pàrlamaid airson an airgid a chosgas iad.

(Cuimhnich gum faigh Alba cuid dhe sin - agus cumhachdan iasaid ùra - ann an 2016, mar phàirt de dh'Achd na h-Alba a chaidh tro Phàrlamaid Westminster mar-thà).

Dh'fhaoidte cuideachd cumhachd a thoirt do Holyrood slighe eadar-dhealaichte a ghabhail air sochairean sòisealta.

(Bhiodh sin na chuideachadh dhaibh ro bhòt na Sultainn agus 'cìs an t-seòmar cadail' ga cleachdadh mar adhbhar airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail).

Ach as bith dè a bhios ann, cha bhi e gu leòr do Nicola Sturgeon.

Spèis

Ann an òraid ann an Glaschu an-dè, thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear nach biodh pasgan chumhachdan gu leòr gus dèiligeadh ri trioblaidean na dùthcha.

Thuirt i nach robh clàr-ama ann airson nan cumhachdan ùra no fiù 's aonta eadar pàrtaidhean an Aonaidh airson an cur an gnìomh.

Mar sin, b' i beachd nach bu chòir spèis sam bith a thoirt dhaibh.

Tha fios aice gu bheil seo doirbh do luchd an Aonaidh, chan ann a-mhàin air sgàth 's gu bheil iad nan trì pàrtaidhean fa leth ach air sgàth 's gu bheil sgaradh anns a' phàrtaidh Làbarach far a bheil tòrr aig Westminster teagmhach mu chumhachd eile a thoirt do Holyrood.

Fhad 's a tha luchd an Aonaidh air thoiseach, 's dòcha nach atharraich sin.

Ach ma theannaicheas cùisean, fàsaidh an t-uallach a tha orra nas motha buileach.