Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Ugràin

Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Uilleam Hague, gur e an suidheachadh a th' anns an Ugràin an èiginn as motha a thàinig air an sgìre Eòrpaich air an linn seo. Tha Mgr Hague ann an Kiev airson chòmhraidhean le Riaghaltas eadar-amail na dùthcha an dèidh dhan Ruis smachd a ghabhail air sgìre a' Chrimea ann an ceann a deas na h-Ugràin. Thuirt Ministear Cèin na Ruis, Sergey Lavrov, gu bheil na feachdan Ruiseannach a' cur dìon air còirichean mhuinntir na Ruis anns an Ugràin. Bidh ministearan cèine an Aonaidh Eòrpaich a' coinneachadh anns a' Bhruiseil an-diugh fhathast a bheachdachadh air an t-suidheachadh.

Oscar Pistorius

Thòisich a' chùis-lagha ann an Afraga a Deas an aghaidh Oscar Pistorius an lùth-chleasaiche para-limpig, a tha fo chasaid gun do mhuirt e a leannan Reeva Steenkamp an-uiridh nuair a loisg e oirre le gunna. Chaidh Pistorius às àicheadh na casaid a chaidh a chur mu a choinneimh anns a' chùirt ann am Pretoria an-diugh. Tha esan a' cumail a-mach gun robh e den bheachd gun do loisg e air cuideigin a bh' air bristeadh a-steach dha a dhachaigh.

Neo-eisimeileachd

Canaidh Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon an-diugh nach dèan roghainnean eile seach neo-eisimeileachd dad mu na trioblaidean as motha a tha mu choinneimh Alba. Tha na pàrtaidhean a tha an aghaidh neo-eismieileachd ag ullachadh phlanaichean an-dràsta airson tuilleadh chumhachdan a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba air taobh a-staigh an Aonaidh.

A' Chuimrigh

Tha an aithisg air tuilleadh fèin-riaghlaidh dhan Chuimrigh ag ràdh gum bu chòir dhan t-Seanadh nàiseanta ann an Cardiff smachd a ghabhail air obair nam Poileas agus siostam ceartais òigridh. Tha an coimisean, a chaidh a stèidheachadh le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ann an 2011, a' moladh cuideachd gum bu chòir smachd air pròiseactan cumhachd mòra a ghluasad à Westminster gu Cardiff.

Lìonra na Rèile

Tha buidhean iomairt ag iarraidh leasachaidh mhòir air siostam rèile na h-Alba. Tha a' bhuidheann Transform Scotland ag iarraidh seirbheisean nas luaithe a bhios nas fheàrr dhan àrainneachd às Inbhir Nis, Obar Dheathain agus Dùn Dè gu ruige meadhan na h-Alba le a bhith a' ruith thrèanaichean dealain, agus le dùblachadh na loidhne-rèile.

Corp

Chaidh corp a thoirt à docaichean Lìte ann an Dùn Èideann anns a' mhadainn an-diugh. Thuirt na Poilis gun deach an corp a thoirt a-mach à Doc Phrionnsa na Cuimrigh, agus gu bheil iad a' rannsachadh na cùise.

A' Chill Bheag

Tha a' chiad ìre den leasachadh air baile ùr anns a' Chille Bhig ann an Slèite san Eilean Sgitheanach a' tòiseachadh an-diugh. Tha an dà chuid Sabhal Mòr Ostaig agus Urras Chloinn Dòmhnaill an sàs anns a' phròiseact, anns a bheil plana airson ceud taigh ùr le seirbheisean agus goireasan eile.