Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Ugràin

Tha Riaghaltas na h-Ugràin ag iarraidh air Comhairle Thèarainnteachd nan Dùthchannan Aonaichte sùil a thoirt air an t-suidheachadh ann an Crimea. Tha aithrisean ann gu bheil feachdan Ruiseanach a' cuairteachadh a' phuirt-adhair ann an Sevastopol, agus gun do ghabh mailisi a tha a' taobhadh ris an Ruis smachd air port-adhair ann am prìomh bhaile Chrimea, Simferopol. Thuirt ministearan riaghaltais na h-Ugràin gur e ionnsaigh armaichte a tha seo air an dùthaich.

Cumhachdan Holyrood

Tha Dùghlas Alexander, Rùnaire Cèin nan Làbarach, ag iarraidh air a' Phàrtaidh Làbarach tuilleadh chumhachdan a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba nam bitheadh bhòt ann an aghaidh neo-eisimeileachd. Tha Mgr Alexander a' moladh, a bharrachd air tuilleadh smachd air cìsean, cùisean eile mar chosnadh agus sgilean, Oighreachd a' Chrùin agus stiùireadh nan taghaidhean a chur fo ùghdarras Holyrood.

Seirbheisean Adhair

Thuirt àrd-oifigeach na buidhne International Airlines, Willy Walsh, nach eil dragh airsan mu neo-eisimeileachd do dh'Alba. Thuirt e gum bi a' bhuidheann, dham buin British Airways, fhathast a' cumail sheirbheisean ri Alba neo-eisimeileach, agus gum faodadh buannachd a bhith ann dhaibh leis gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' gealltainn gun cuir iad às dhan chìs adhair air luchd-siubhail.

Èirinn a Tuath

Bidh coinneamh èiginn aig Seanadh Èireann a Tuath an-diugh a dheasbad sgeama an Riaghaltais a thug gealltanas do Phoblachdaich a bha fo amharas mu cheannairc nach deadh casaidean a thogail nan aghaidh. Bha Prìomh Mhinistear Èireann a Tuath, Peter Robinson, a' gearain nach deach dad innse dhasan mun sgeama sin, agus bha e a' maoidheadh gum fàgadh e a dhreuchd gus an do gheall Dàibhidh Camshron sgrùdadh oifigeil air a' chùis fo smachd bhritheimh.

An A9

Tha iomairt ùr a' tòiseachadh an-diugh do dhràibhearan mu shàbhailteachd air rathad an A9 eadar Inbhir Nis agus Peairt. Tha taisbeanadh a' fosgladh ann an Inbhir Nis air na diofar sgeamaichean a thèid a chur an sàs, leithid camarathan airson smachd a chur air astar air earrainnean den rathad.

Coimisean na Croitearachd

Tha Coimisean na Croitearachd a' coimhead airson coimiseanair a bhios a' riochdachadh nan uachdaran, an dèidh dhan duine a bha san dreuchd sin falbh aig deireadh na bliadhna an-uiridh. Tha cuid a-nistea ag ràdh gum bu chòir coimiseanair fhastadh a bhios a' riochdachadh nan oighreachdan coimhearsnachd a ghabh smachd air an fhearann dhaibh fhèin.