Iomairt shàbhailteachd airson an A9

  • 28 An Gearran 2014

Iarraidh iomairt shàbhailteachd ùr air dràibhearan a bhith faiceallach nuair a bhios iad a' dol seachad air carbadan air an A9.

Tha seo mar phàirt de phlanaichean nas motha aig Riaghaltas na h-Alba gus an àireamh de thubaistean a th' air an rathad as fhaide an Alba a lùghdachadh.

Tha iad cuideachd airson camarathan-astair cuibheasach a chur an sàs.

Le 40% dhe na tubaistean a th' air pàirtean aon-fhillte dhen A9, tha cuideigin a' feuchainn ri dhol seachad air carbad eile.

Tha a' bhuidheann A9 Average Speed Cameras Are Not the Answer air a bhith ag iarraidh air an riaghaltas dèiligeadh ri mar a tha daoine a' dol seachad air carbadan aig droch amannan.

Bu chòir dhen A9 gu lèir eadar Inbhir Nis is Peairt a bhith dà-fhillte ro 2025.

Cosgaidh an obair £3bn.