Dragh mu aiseagan

MV Isle of Lewis Tha an MV Isle of Lewis air a bhith air an t-slighe bho 1995.

Chuir am BPA Làbarach, Rhoda Ghrannd, litir a dh'ionnsaigh Ministeir na Còmhdhail agus dragh oirre mu sheirbheisean aiseig nan Eilean Siar.

Thuirt i nach eil an Riaghaltas mothachail dha na duilgheadasan a th' air a bhith ann leis na h-aiseagan bho chionn ghoirid.

Air a' mhìos a chaidh, bhuail an aiseag-bathair, an Clipper Ranger, anns a' chidhe an uair a bha i a' tilleadh à Steòrnabhagh tràth aon mhadainn.

Seachdain às deidh sin, bhuail an Hebridean Isles, a chaidh na h-àite, anns a' chidhe cuideachd.

Tha a-nis rannsachadh gu bhith ann mu na dh'adhbhraich an dà thubaist sin.

Briste

Tha an Isle of Lewis, am bàta as àbhaist a bhith air seirbheis Steòrnabhaigh, air a bhith briste grunn thrursan anns na mìosan a dh'fhalbh.

Thill i bho chionn seachdain, às dèidh dhi a bhith air falbh fad trì seachdainnean 'son obair-càraidh bhliadhnail, ach an ceann beagan làithean bhrist i a-rithist.

'S iad na tachartasan seo a tha a' dèanamh uallaich do Rhoda Ghrannd.

Chuir i litir gu Ministear na Còmhdhail ann an Alba, Keith Brown.

Nan cadal

Thuirt i gu bheil am ministear agus an Riaghaltas air a bhith nan cadal air cùl na cuibhle an uair a thig e gu cùis nan aiseagan.

Tha i a' faighneachd den Riaghaltas dè na planaichean a tha aca gus dèanamh cinnteach nach bi suidheachadh mar seo ann tuilleadh.

Thuirt tè-labhairt bho Chòmhdhail na h-Alba gu bheil oifgearan Riaghaltas na h-Alba fhathast a' conaltradh ri CalMac mun Isle of Lewis agus gu bheil iad air gealltanas fhaighinn gun tèid an obair-càraidh a tha a dhìth oirre a dhèanamh cho luath 's a ghabhas.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.