Each ga thoirt a-mach à teach

  • 27 An Gearran 2014
Stephanie Noble agus a h-each. Dealbh: Western Isles News Agency Image copyright Other
Image caption Tha an t-each a-nis ann an cùram na Comhairle.

Chaidh each a bha ga chumail am broinn taighe ann an Leòdhas a thoirt air falbh leis na h-ùghdarrasan.

Bha Grey Lady Too ga cumail ann an seòmar-suidhe an taighe, air a' Bhac, fad dà Gheamhradh.

Thug Stephanie Noble, a tha 67, an t-each a-steach don taigh, a tha an cois taigh a nàbaidh, an là ron Nollaig ann an 2011.

Thuirt i nach robh àite san eilean a bha freagarrach airson a cumail.

Ailbhean

Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar san Damhair an-uiridh gum feumadh i atharrachaidhean a dhèanamh air a taigh nam biodh i airson a h-each a chumail na bhroinn.

Am measg nan atharrachaidhean sin bha gun deadh dorsan a bhiodh an t-each a' cleachdadh a leudachadh, agus gum faigheadh an t-each barrachd rùm os a cionn.

Thuirt a' Chomhairle, mur a deadh na h-atharrachaidhean a dhèanamh air an taigh, gur e eucoir a bhiodh ann fo Achd Slàinte is Fallainneachd nam Beathaichean.

Thugadh an t-each air falbh bhon taigh, agus tha i a-nis ann an cùram na Comhairle.

Thuirt labhraiche don Chomhairle: "A chùm maigh a' bheathaich, ghabh Comhairle nan Eilean Siar each bho sgìre a' Bhac ann an Leòdhas thuca fhèin an-diugh.

"Rinneadh seo an dèidh mar a b'fheudar gnothach a ghabhail ris an dòigh san robh an t-each ga chumail, agus an dèidh do lighiche-sprèidh innse gum biodh e coltach gum fulaingeadh an t-each mur h-atharraicheadh a shuidheachadh.

"Iarraidh a' Chomhairle òrdugh cùirte a leigeas leinn gnothaichean nas fheàrr a chur air dòigh don each san àm ri teachd," thuirt e.

Ann an agallamh san Fhaoilleach 2012, thuirt Ms Noble: "'S ann leamsa a tha an taigh seo - ma tha mi ag iarraidh ailbhean a chumail san taigh, faodaidh mi. Chan fhaigh mi dad ach càineadh bho chàch seach nach eil e àbhaisteach.

"Chan eil e àbhaisteach a bhith a' cumail eun ann an cèidse - oir bu chòir dhaibh a bhith a' sgiathalaidh mun cuairt - ach cha bhi daoine a' gearain mu dheidhinn sin.

"Tha Grey Lady Too gu math sona.

"Bidh i a' dol a-mach air an lianaig - ged a tha i air lus no dhà leis na nàbaidhean ithe - agus bidh i a tighinn a-steach don taigh a-rithist leatha fhèin.

"Tha an t-each gu math toilichte san t-seòmar-suidhe, gus thuirt an SSPCA gu bheil i ann an deagh shlàinte," thuirt i.