Corp Chaoil Àcainn ga ainmeachadh

  • 27 An Gearran 2014
Dealbh cruthaichte de choltas an duine Image copyright Police Scotland
Image caption Chaidh corp Mhgr Younger a lorg air a' chladach san t-Samhain an-uiridh.

Tha na poilis air duine a chaidh fhaighinn marbh anns an Eilean Sgitheanach an-uiridh ainmeachadh.

B' esan Ailean Younger, a bha 48, agus a bhuineadh do Chathair Calltainn ann am Fìobha.

Chaidh a chorp fhaighinn air a' chladach ann an Caol Àcainn faisg air Drochaid an Eilein san t-Samhain an-uiridh.

Ach a dh'aindeoin rannsachaidh fharsainn dh'fhailich air na Poilis dearbhadh cò e, gus an deach iomairt as ùr a dhèanamh aig toiseach na bliadhna seo.

Chan eil dad amharasach mu bhàs Mhgr Younger agus thèid athaisg gu Neach-Casaid a' Chrùin.