Dragh mu dhùnadh sgoiltean Sgitheanach

Comhairle na Gàidhealtachd Rachadh na trì sgoiltean a chur còmhla ann an Dùn Bheagain.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' sireadh bheachd air trì sgoiltean ann an ceann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich a dhùnadh agus an cur còmhla ri sgoil ùir ann an Dùn Bheagain.

Thuirt a' Chomhairle nach eil ann ach moladh aig an ìre seo bun-sgoiltean an t-Sruthain, Bhatarnais agus an Aodainn Bhàin a dhùnadh agus nach e co-chomhairleachadh foirmeil a tha seo.

Ach tha dragh anns na sgìrean sin mun chron a dh'fhaodadh e a dhèanamh.

"Tha iad gu math feargach mu dheidhinn. Chan eil iad airson gun dùin i idir," thuirt Ruairidh MacGilliosa a tha a' fuireach ri taobh na sgoile san Aodann Bhàn.

"Bha sgoil ann riamh. Chan eil mòran air fhàgail san Aodann Bhàn. Tha an t-ospadal air dùnadh 's chan eil bùth ann no sian, agus 's e an rud mu dheireadh a tha sinn ag iarraidh 's e an sgoil a bhith a' dùnadh.

"Chan eil mise a' faicinn ciamar a tha iad a' dol ga cumail fosgailte. Chan eil anns an sgoil ach sianar, 's cha tig an còrr a-steach airson bliadhna no dhà co-dhiù.

"Nuair a bha mise san sgoil, bha còrr is 60 anns an sgoil an uair sin, ach an-diugh chan eil teaghlaichean mòra ann.

"Bho chionn ghoirid chaidh grunn thaighean a reic ann an seo, agus 's e seann daoine a tha a' tighinn a-steach. Chan eil teaghlaichean aca.

"Tha clann uile a' dol dhan sgoil Ghàidhlig an-diugh, a' chuid mhòr dhiubh co-dhiù, às an àite seo, 's tha feadhainn a' dol a Phort Rìgh.

"Tha sin a' fàgail nan àireamhan cho ìosal," thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.