Eaglais a' sireadh deasbad nas fharsainge

  • 26 An Gearran 2014
Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba Image copyright PA
Image caption Chan eil Eaglais na h-Alba air taobhadh ri taobh seach taobh den argamaid mu neo-eisimeileachd.

Feumaidh an deasbad air neo-eisimeileachd na h-Alba a dhol thairis air gnothaichean eaconamach agus ionmhais a-mhàin, a rèir aithisg a chaidh fhoillseachadh le Eaglais na h-Alba.

Thuirt an Eaglais cuideachd gu bheil mòran dhaoine gu math mì-thoilichte leis an t-siostam phoileataigeach mar a tha e.

Chaidh an aithisg a stèidheachadh air beachdan còrr is 900 duine a bh' air a bhith an làthair aig 32 tachartasan coimhearsnachd a chaidh a chumail leis an Eaglais.

Thàinig seo air thoiseach air an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba air an 18mh là den t-Sultain.

A' phrìomh dheich

Chan eil Eaglais na h-Alba air taobhadh ri taobh seach taobh den argamaid mu neo-eisimeileachd, ach thathas air a ràdh gum bu chòir an deasbad a bhith stèidhichte air gnothaichean leithid ceartas sòisealta, seach cùisean eaconamach is ionmhais a-mhàin, mar a tha tachairt an-dràsta.

Thuirt an t-Àrd-Urr. Lorna Hood, Modaràtair Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba: "B' iad co-ionannachd, cothromachd, ceartas, foghlam, spèis, onair, coimhearsnachd, cothroman, co-fhaireachdainn agus foighidinn na deich cùisean anns an robhar a' cur luach, a rèir an rannsachaidh againn."

"Gu h-iongantach, cha do nochd soirbheachadh gu timcheall air àireamh 53 - cha robh cus dragh air daoine mu am beartas fhèin.

"Cha robh 'bhithinn beagan na bu bheartaiche nan tachradh seo' a' cur uallach orra," thuirt an t-Àrd-Urr. Hood.

Co-dhùnaidhean

Am measg cho-dhùnaidhean na h-aithisg, bha:

  • Mothachadh gu bheil tòrr a bharrachd an lùib deasbad an referendum na "dè a' bhuannachd a bhios ann dhomhsa?" Cha-mhòr gun robh guth air a' bheachd gun toir a bhith '£500 nas fheàrr dheth' buaidh air mar a bhòtas daoine.
  • Bhathar a' cur prìomhachais air a bhith a' togail choimhearsnachdan ionadail a tha stèidhichte air cothromachd, ceartas agus goireasan co-roinnte.
  • Tha daoine mì-thoilichte leis an t-siostam phoileataigeach "aig gach ìre, chan ann le Westminster agus Holyrood a-mhàin".
  • Bha miann ann luchd-poileataigs a chumail cunntachail eadar amannan nan taghaidhean agus nach biodh an siostam phàrtaidhean cho cumhachdail.
  • Iarrtas gum bithear deònach beachdachadh mu "phoileasaidhean cìse eadar-dhealaichte agus nas adhartaichte" airson maith an t-sluaigh.

Chaidh tachartasan na h-Eaglaise a chumail ann an Alba san 12 mìos a chaidh seachad.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile