Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Co-op

Tha dùil gun innis an Co-op an ath-mhìos gun rinn iad call bliadhnail de £2000m, an call as miosa a rinn iad a-riamh. Bha am banca aca feumach air cobhair an-uiridh agus 's e sin, gu ìre mhòr, as coireach. Tha dùil a-nis gun reic iad na tacan aca, feadhainn an Alba nam measg. Cuideachd, tha an Co-op a' smaoineachadh mu dheidhinn na bùithtean chungaidhean aca a reic. Tha 750 aca uile gu lèir.

Nighean a dhìth

Tha na poilis ann an Glaschu a' coimhead airson nighean a tha a dhìth. Tha dùil gun deach an t-òganach fhaicinn mu dheireadh anmoch a-raoir. Tha na poilis a' sgrùdadh air Albert Avenue faisg air Queen's Park, an ceann a deas a' bhaile. Cha deach an còrr fiosrachaidh fhoillseachadh.

Ofgem

Bidh aig na sia companaidhean mòra cumhachd ris na prìsean coimearsalta aca fhoillseachadh dà bhliadhna ro-làimh, le molaidhean aig Ofgem. Tha Ofgem a' feuchainn ri cùisean a dhèanamh nas fhasa dha companaidhean beaga.

Woolwich

Thèid binn a chur an-diugh air an dithis a chaidh a dhìteadh airson murt an t-saighdeir Lee Rigby ann an Lunnainn an-uiridh. Mhurt Mìcheal Adebolajo agus Mìcheal Adebowale an saighdear faisg air gearasdan Woolwich sa Chèitean, ga leagail le càr mus do shàth iad gu bàs e.

Ionadan seirbheis

Tha ìmpidh ga chur air comhairlichean gun gabhail ri plana airson cha-mhòr dà thrian de dh'ionadan seirbheis Chomhairle na Gaidhealtachd a dhùnadh. Tha oifigich a' tomhais gun sàbhaileadh seo £160,000 sa bhliadhna, ach tha luchd-iomairt ag ràdh gur iad seann daoine agus ciorramaich anns na sgìrean as iomallaiche as motha a bhiodh a' fulang.

Unite

Tha Àrd-Rùnaire Unite, Len McCluskey, ag iarraidh air Ed Miliband cantainn nach tèid na Làbaraich a-steach gu co-bhanntachd leis na Lib-Deamaich às dèidh an ath thaghaidh. Tha seo a' tighinn às dèidh do dh'aithrisean nochdadh gun robh Daibhidh Camshron a' dol a ràdh nach biodh aonta eile eadar na Tòraidhean agus pàrtaidh Nick Clegg airson a bhith riaghladh còmhla.