Àrdachadh pàighidh dha na breabadairean

  • 26 An Gearran 2014
Clò
Image caption Tha Comann nam Breabadairean an ìre mhath dòchasach mu ghnìomhachas a' Chlò Hearaich an-dràsta.

Dh'aontaich breabadairean a' Chlò Hearaich gabhail ri àrdachadh pàighidh 6%.

Thuirt Comann nam Breabadairean gur e deagh chomharra a tha seo aig àm nuair a tha an eaconamaidh fhathast ann an staid cugallach.

Dh'innis an cathraiche, Niall MacLeòid, gur ann a bha na breabadairean ag iarraidh barrachd na 6%, ach gu bheil iad riaraichte leis na fhuair iad.

"Fhuair sinn 6sg san not. Bha sinn ag iarraidh tòrr a bharrachd is chanainn gun robh sinn airidh air, ach tha sinn a' tuigsinn, mar a tha cùisean an-dràsta, siud an rud a b'fheàrr a b' urrainn dhaibh a dhèanamh.

"Bha na muilnean gu lèir deònach sin a thoirt dhuinn agus tha daoine an ìre mhath toilichte ris," thuirt e.

Tha an Comann a-nise an dòchas gun tarraing seo barrachd dhaoine a-steach dhan ghnìomhachas.

"Bith-beò"

"Tha sinn a' cluintinn daoine òga is daoine aosta, daoine a bh' anns a' ghnìomhachas agus tha 'son tighinn air ais ann, agus daoine òga a tha a' coimhead gun dèan iad bith-beò às 'son nam bliadhnaichean a tha romhainn. 'S e naidheachd dha-rìribh a tha sin," thuirt Mgr MacLeòid.

Thuirt e cuideachd gu bheil cho fallain 's a tha an gnìomhachas san fharsaingeachd a' dèanamh feum mhòir dha na breabadairean.

"An eadar-dhealachadh as motha, 's e gu bheil na clòitean agad fad na bliadhna.

"Ron a seo, cha robh iad agad ach treiseagan is mìosan, ach san dà bhliadhna a chaidh gu h-àraidh, tha clòitean agad fad na h-ùine agus 's e cuideachadh mòr a tha sin," thuirt e.

Dh'iarr Mgr MacLeòid gur e seirbheis tàillearachd a stèidheachadh anns na h-Eileanan an ath-cheum a bhios ann gus an gnìomhachas a chuideachadh.