Ceist fhathast mu Chàbal a' Chuain Sgìth

Càbal ga thogail Tha feum air càbal eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr gus pròiseictean mòra ath-nuadhachail a thoirt gu buil.

Sgeulachdan co-cheangailte

Chuala coinneamh ann an Steòrnabhagh nach eil cinnt ann fhathast cuin a chuireas SSE iarrtas gu Ofgem airson càbal-dealain a thogail eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr.

Tha càbal deatamach gus fàs a thoirt air gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan an Iar agus leigeil le pròiseactan mòra a dhol air adhart, ach tha dàil air a dhol air an sgeama tric is minig.

B'e Ministear Chumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, a dh'iarr a' choinneamh is riochdairean bho Riaghaltasan na h-Alba is Westminster, ùghdarrasan ionadail, riaghaladairean is feadhainn bhon ghnìomhachas fhèin an làthair.

Stiùireadh

Thuirt Mgr Ewing gu bheil feum air stiùireadh bho Westminster aig an ìre seo den phròiseact is gun cuir e impìdh air Rùnaire a' Chumhachd ann an Lunnainn, Ed Davey, a dhol an sàs.

Sin beachd ris an do dh'aontaich Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul.

"Feumaidh sinn bruidhinn ri Ed Davey gus an atharraich e cuid de na riaghailtean gus am bi an gnothach nas cothromaich do dh'eileanan. Aig an ìre seo tha leth-bhreith ga dhèanamh oirnn.

"Sìmplidh"

"Tha e coltach gu bheilear a' coimhead air dòighean fuadain gus gnothaichean a chothromachadh ach tha fuasgladh gu math fhèin sìmplidh ann, sin a ràdh gu bheil na h-eileanan nam pàirt den Ghriod Nàiseanta.

"Tha am beachd a tha seo gum feum sinn airgead a bharrachd a phàigheadh airson ceangal ris a' ghriod, tha e gu moralta ceàrr," thuirt e.

Thuirt Stiùiriche Leasachaidh Comhairle nan Eilean Siar, Calum Iain MacÌomhair, gur e bristeadh-dùil a bh' ann nach robh barrachd fiosrachaidh aig SSE a thaobh cuin a nì iad iarrtas 'son an càbal a thogail.

Adhartas

Thuirt e ge-tà, gun gabh an gnothach a reìteach fhathast, is gun deach adhartas a dhèanamh.

"Tha sinn ag obair an aghaidh structair a tha gu math duilich, a tha gu math set anns an dòigh sa bheil e ag obair, ach a' faighinn a h-uile buidheann an seo cruinn còmhla, agus a h-uile duine aca a' cantainn gu bheil iad ag iarraidh faighinn gu ceann thall na cùise seo, tha mi a' smaoineachadh gur e rud math a tha sin.

"Chì sinn dòigh 'son faighinn gu ceann thall na cùise anns a' bhliadhna a tha romhainn, tha mi an dòchas", thuirt e.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.