Ginealach 2014: Sarah NicDhòmhnaill

  • 25 An Gearran 2014
Sarah NicDhòmhnaill
Image caption "Dh'fhaodadh neo-eisimeileachd cothrom a thoirt dhuinn a bhith ainmeil mar dhùthaich bheag chumhachdach - chan ann dìreach mar phìos a chaidh a chur ri Ìmpireachd Bhreatainn."

Air an 18mh là den t-Sultain 2014, bidh cothrom aig Alba taghadh air leth cudromach a dhèanamh a thaobh na bhios a' tachairt dhuinn san àm ri teachd.

Chan eil feum a-nis air cogadh, neo sabaid, neo àr-a-mach a bhith againn gus neo-eisimeileachd fhaighinn, mar a tha air a bhith ann an iomadh dùthaich eile tharais air na linntean.

Bidh bhòt chothromach againn air a shon agus 's e sinne - òigridh na h-Alba - a bhios a' fàs suas le buaidh an taghaidh.

Dh'fhaodadh neo-eisimeileachd cothrom a thoirt dhuinn a bhith nar ceannardan eaconamach, a bhith ainmeil mar dhùthaich bheag chumhachdach - chan ann dìreach mar phìos a chaidh a chur ri Ìmpireachd Bhreatainn.

Smachd

Bidh an cothrom againn smachd a bhith againn air ar prìomhachasan fhèin agus ar n-airgead fhèin - agus nach ann mar sin a bu chòir dha a bhith co-dhiù?

Chan fheum sinn ach coimhead ri eachdraidh na h-Alba gus a' cheist seo a fhreagairt.

Nuair a chaill sinn ar neo-eisimeileachd, chan e bhòt chothromach a bh' ann idir.

Cha robh taghadh aig na h-Albannaich àbhaisteach ach dìreach aig na h-uaislean a bha air am breith ann an cumhachd agus airgead.

'S e an rud nach eil mi fhèin a' tuigsinn, carson a tha daoine deònach a bhith fo smachd dùthaich eile nuair a tha sinne, nam bheachd-sa, barrachd air comasach coimhead às ar dèidh fhèin?

An Gearran, 2014

Tuilleadh air an sgeulachd seo