Muinntir Chàrlabhaigh airson an oighreachd a cheannach

  • 25 An Gearran 2014
Càrlabhagh Image copyright David Maclennan/Geograph
Image caption Tha Oighreachd Chàrlabhaigh sgapte thairis air diofar bhailtean anns an sgìre, agus tha Abhainn Chàrlabhaigh a' ruith troimhpe.

Tha muinntir Chàrlabhaigh ann an Leòdhas air bhòtadh airson Oighreachd Chàrlabhaigh a cheannach.

Ghabh 68% den t-sluagh pàirt anns a' bhaileat agus nuair a chaidh na bhòtaichean a chunntadh oidhche Luain, bha 254 neach air a shon agus 86 na aghaidh.

Mar sin, bha 74% den bhòt airson sealbh a ghabhail air an fhearann.

Thèid a-nis buidheann-stiùiridh a chur air bhonn airson an gnothach a ghluasad air adhart.

Uachdaran

Tha Oighreachd Chàrlabhaigh sgapte thairis air diofar bhailtean anns an sgìre, agus tha Abhainn Chàrlabhaigh a' ruith troimhpe.

Tha iomadach baile ann, eadar pàirtean de Chàrlabhagh, Breascleit agus Tolastadh a' Chaolais.

Tha an t-uachdaran, an teaghlach Galloway à Steòrnabhagh, air a ràdh gu bheil iad deònach a reic.

Mhìnich cathraiche na buidhne, Coinneach MacIllFhinnein, gu bheil cùisean eadar iad fhèin agus an t-uachdaran gu math rèidh.

"Tha suidheachadh fallain againn an-dràsta air an oighreachd.

"Tha uachdaran math againn, ach tha an t-uachdaran deònach an oighreachd a reic.

"Tha a' choimhearsnachd a' faicinn seo mar rud a bu chòir dhaibh coimhead ris, agus faicinn am biodh e comasach dhuinn a dhèanamh.

"Às dèidh na h-oidhche a-nochd, tha a' choimhearsnachd ag ràdh rinn gu bheil iad airson a dhol air adhart leis an oighreachd a cheannach," thuirt Mgr MacIllFhinnein.

Chaidh a' bhòt a chumail tro bhaileat puist, fo stiùir Chomhairle nan Eilean Siar.

Dh'innis Comhairliche na sgìre, Cudaig MacLeòid, nach eil e fhèin buileach cinnteach mun chùis.

Thuirt e gu bheil tòrr cheistean aige-san mun àireamh de dhaoine a bhios os an cionn, agus an àireamh de dhaoine ris am feumar dèiligeadh ma thèid càil ceàrr san sgìre.

Òigridh

Tha mòran anns an sgìre a' cur cuideam air cho cudromach 's a tha an òigridh don choimhearsnachd, gu h-àraidh anns an àm ri teachd.

Mar sin, thug iad cead do dhaoine eadar 16 agus 17 bliadhna de dh'aois bhòtadh anns a' bhaileat.

B' e seo a' chiad turas a chaidh bhòt a tabhann do dheugairean ann an co-dhùnadh ceannaich-choimhearsnachd.

Thuirt Dòmhnall MacLeòid, a tha bho chionn ghoirid air gluasad dhachaigh às dèidh a bhith ag obair air Tìr Mòr: "'S e an cothrom a tha e a' toirt do na daoine a th' anns an àite, 's e gum faod iad fhèin taghadh dè a tha iad a' dol a dhèanamh leis an oighreachd.

"Tha tòrr chothroman ann a thaobh turasachd... agus cuideachd cothroman a thaobh chumhachd ath-nuadhachail.

"Bidh cothroman aig a h-uile duine thairis air na bliadhnaichean a tha romhainn bruidhinn air dè an dòigh as fheàrr agus dè na rudan a bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh," thuirt Mgr MacLeòid.

Bithear a-nis a' lorg riochdairean o gach baile a thèid còmhla air buidhinn-stiùiridh airson beachdan na coimhearsnachd a thoirt air adhart.

Tuilleadh air an sgeulachd seo