£1.67m airson Sràid na h-Acadamaidh

  • 24 An Gearran 2014
Sràid na h-Acadamaidh Image copyright Richard webb/geograph
Image caption Thèid co-chomhairleachadh a dhèanamh air na planaichean.

Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd gealltanas air £1.67m bhon Chrannchur Nàiseanta airson an sgìre timcheall air Sràid na h-Acadamaidh ann an Inbhir Nis a sgeadachadh.

'S ann air an t-sràid a tha cuid de na togalaichean as sine agus as chliùtiche an Inbhir Nis.

Chaidh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis a steidhicheach air an t-sràid an toiseach ann an 1792, ach tha togalaichean eile ann a tha 50 bliadhna nas sine na sin cuideachd.

San là an-diugh, tha mòran de na togalaichean feumach air obair-càraidh.

Fìor Cho-chomhairleachadh

Bha an t-seann A.I. Welders agus far a bheil taigh-sheinnse a' Phoenix, am measg nan togalaichean as bòidhche sa bhaile, ach chan eil iad ann an staid mhath sam bith an-diugh.

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd iarrtas a-steach 's iad a' sireadh £1.67m, gus ath-bheothachadh a thoirt air an sgìre.

Tha iad air £109,000 den airgead sin fhaighinn an-dràsta, agus a rèir Cheannard Baile Inbhir Nis, an Comh. Ian Brown, bheir seo cothrom dhaibh plana a chur air dòigh airson a' chorr den airgead.

"Gu follaiseach nì sinn fìor cho-chomhairleachadh mòr. Chan eil plana ann," thuirt e.

"Aig amannan thathas a' fàgail oirnn gum bi sinn a' cumail cho-chomhairleachaidhean nuair a tha an gnothach air aontachadh mar thà.

"Tha sinn airson 's gun gabh am poball agus clann-sgoile pàirt ann, agus sealbh a ghabhail air a' bhaile," thuirt e.

Tha bliadhna aig a' Chomhairle a-nis airson an dàrna iarrtas a chur a-steach agus am plana mionaideach aca ullachadh.

Tha cothrom, le taic-airgid a bharrachd, gun tèid suas ri £5m a chosg air an sgìre den bhaile, agus tha na comhairlichean airson dèanamh cinnteach gum bi na tha iad a' dèanamh a' freagairt air muintir agus gnìomhachasan na sràide.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile