Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ola

Thuirt Ministear Cumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, gum faodadh Alba "maoin ola" mar a th' aig Nirribhidh a chruthachadh nam biodh an dùthaich neo-eisimeileach. Bha e ag ràdh gun deigheadh a' mhaoin a chleachdadh gus dùthaich nas cothromaiche a chruthachadh. Bha e a' bruidhinn agus an dà Chaibineat a' coinneachadh anns an Ear-Thuath an-diugh. Thuirt Rùnaire Cumhachd Bhreatainn, Ed Davey, gun dèanadh gnìomhachas na h-ola agus a' ghas na b' fheàrr nan fuiricheadh Alba mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.

Cuirp

Tha pàirt de shràid ann an Queensferry a Deas air a gearradh dheth, às dèidh mar a chaidh dà chorp a lorg ann an taigh. Chaidh na cuirp a lorg mu 5:00f an-dè. Cha do dh'fhoillsich na poilis fiosrachadh mun dithis a bhàsaich, ach chaidh a ràdh anns an sgìre gur e duine agus bean a bh' ann.

Travis

Nochdaidh an craoladair Dave Lee Travis anns a' chùirt a-rithist fo chasaidean drabastachd. Chaidh Travis, a tha 68, fhaighinn neo-chiontach de 12 casaid air a' mhìos seo fhèin. Ach, cha b' urrainn dhan a' chùirt a thighinn gu co-dhùnadh mu dhà chasaid eile. Bidh e air ais anns a' chùirt air an 28mh là den Mhàirt.

Cosgaisean lìbhrigidh

Tòisichidh iomairt ùr an-diugh ag amas air cosgaisean lìbhrigidh dha na h-àiteachan as iomallaiche an Alba a ghearradh. Tha Biùro Comhairleachaidh a' Phobaill ag ràdh gu bheilear a' toirt a' char às na mìltean ghnìomhachasan a dh'fheumas fada a bharrachd a phàigheadh air sgàth a' chòd-phuist aca.

Kiev

Bidh Ceannard gnothaichean cèin an EU, Catherine Ashton, ann an Kiev an-diugh airson bruidhinn mun taic a gheibh ceannardan ùra na Ugràin. Cuideachd, tha na h-ùghdarrasan eadar-amail anns an Ugràin air innse gu bheil iad air iarraidh gun tèid an seann cheann-suidhe, Viktor Yanukovych, a chur an grèim, ri linn 's mar a chaidh luchd-iomairt a bha na aghaidh a mharbhadh. Chaidh a chur a-mach às a dhreuchd air an deireadh-sheachdain, ach chan eil fhios le cinnt a-nis càite bheil e.