Iomairt ùr gus cosgaisean lìbhrigidh a lùghdachadh

  • 24 An Gearran 2014
Stampaichean air parsail
Image caption Tha Biùro Chomhairleachaidh a' Phobaill ann an Alba ag ràdh gu bheilear a' peanasachadh ghnìomhachasan ann am mòran sgìrean le cosgaisean a tha fada ro àrd.

Tòisichidh iomairt ùr Diluain a tha ag amas air cosgaisean lìbhrigidh do na h-àiteachan as iomallaiche an Alba a lùghdachadh.

Thèid iarraidh air gnìomhachasan air feadh Alba pàirt a ghabhail ann an rannsachadh a tha ag amas air tomhas a dhèanamh air a' bhuaidh a th' aig cosgaisean àrda lìbhrigidh anns a' cheann a tuath.

Tha Biùro Chomhairleachaidh a' Phobaill ann an Alba ag ràdh gu bheilear a' peanasachadh ghnìomhachasan ann am mòran sgìrean le cosgaisean a tha fada ro àrd.

Tha am Biùro air a bhith ag iomairt mun seo fad bhliadhnaichean ach, gu ruige seo, 's ann air sgàth na buaidh a bha na cosgaisean a' toirt air an luchd-ceannaich.

Tha iad a-nis airson 's gun innis an luchd-gnìomhachais mun bhuaidh a tha na dh'fheumas iadsan a' phàigheadh airson stuthan fhaighinn a' toirt air a' ghnìomhachas aca.

Tha am Biùro air a ràdh gun cleachd iad an rannsachadh airson cuideam a bharrachd a chur air an Riaghaltas, air riaghladairean na seirbheis agus air an fheadhainn a bhios a' reic stuthan, gus dèanamh cinnteach nach tèid luchd-ceannach anns a' cheann a tuath a pheanasachadh.

Image copyright PA
Image caption Tha Biùro Chomhairleachaidh a' Phobaill a-nis ag amas air luchd-gnìomhachais, gus dealbh fhaighinn air mar a tha na cosgaisean àrda lìbhrigidh a' bualadh orra-san.

Sgrùdaidhean

Thòisich sgrùdaidhean na buidhne bho chionn trì bliadhna, nuair a chaidh cosgaisean eagalach àrd a chur air tè ann an sgìre an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse, 's i air stuth a cheannach air-loidhne.

An dèidh dhi-se a bhith air a h-uabhasachadh, bha i airson faighinn a-mach cia mheud duine eile a chaidh a' pheanasachadh air sgàth 's far a bheilear a' fuireach.

Rinnear sgrùdadh am measg luchd-cleachdaidh na sgìre seo, agus ann an oifisean eile air Ghàidhealtachd leithid Inbhir Narann, Cataibh, Inbhir Pheofharain, agus Arcaibh.

Chaidh sgrùdadh nàiseanta a dhèanamh às dèidh sin agus an taobh a-staigh ceithir mìosan, fhuairear freagairtean bho 3,000 duine, a' gearain mu chosgaisean àrda.

Tha am Biùro a-nis ag amas gu sònraichte air luchd-gnìomhachais, gus dealbh fhaighinn air mar a tha na cosgaisean àrda lìbhrigidh a' bualadh orra-san.

Còd-puist

Nuair a chaidh rannsachadh a dhèanamh am measg an luchd-cleachdaidh, cho-dhùin am Biùro gun robh còrr is millean duine ann an Alba gam peanasachadh, nam beachd-san, air sgàth a' chòd-phuist aca.

Rinnear seo le bhith a' sgrùdadh nan gearainean a fhuair iad agus le bhith a' sgrùdadh 500 companaidh a bhios a' malairt air-loidhne.

Fhuair iad gun robh cuid de dh'Albannaich a' pàigheadh faisg air £19 a bharrachd sa chumantas airson stuth a cheannach aig astar. Air Ghàidhealtachd, tha luchd-ceannaich a' pàigheadh mu £15 a bharrachd sa chumantas.

Image caption Fhuaireadh nach robh cha-mhòr 70% de chompanaidhean a' toirt cothrom do dhaoine am Posta Rìoghail a chleachdadh.

A-mach às a' 500 companaidh a chaidh a rannsachadh, bha faisg air 75% dhiubh ag iarraidh barrachd airgid airson a bhith a' lìbhrigeadh gu cuid de cheàrnaidhean.

Am Posta Rìoghail

Thuirt còrr is 50% dhiubh nach cuireadh iad stuth idir gu na h-eileanan, agus fhuaireadh cuideachd nach robh cha-mhòr 70% dhiubh a' toirt cothrom do dhaoine am Posta Rìoghail a chleachdadh.

Thuirt Biùro Chomhairleachaidh a' Phobaill gun tèid an fhianais a gheibhear bhon luchd-gnìomhachais a chur ris na fhuair iad mar-thà.

Thuirt iad gun tèid an fhiosrachaidh a sgaoileadh don Riaghaltas, do luchd-riaghlaidh na seirbheis agus do na companaidhean lìbhrigidh, gus cothrom nas fheàrr a thoirt do dh'Albannaich.

Bidh an sgrùdadh seo fosgailte chun 14mh là den Mhàirt agus faodaidh gnìomhachas sam bith pàirt a ghabhail, ann an àite sam bith an Alba.

Tha am Biùro an dùil toraidhean an rannsachaidh fhoillseachadh air sa chiad seachdain den Ghiblean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile