Ola aig cridhe an deasbaid

Crann-ola sa Chuan a Tuath Gu h-eachdraidheil, b' ann air sgàth an airgid a bha ri fhaotainn bhon Chuan a Tuath a dh'fhàs taic airson neo-eisimeileachd anns a' chiad dol a-mach.

Coinnichidh ministearan Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ann an coinneamhan fa-leth san Ear-thuath Diluain.

Bidh gnìomhachas na h-ola agus a' ghas aig cridhe an deasbaid, agus dùil ri aithisg a bhios a' moladh buidhne ùire airson obair a' Chuain a Tuath a riaghladh.

Leis a' Chaibineat a' coinneachadh ann an Obar Dheathain, bidh am Prìomhaire ag ainmeachadh iomairt ùir gus beartas a bharrachd fhaighinn à ola agus gas a' Chuain a Tuath.

Canaidh Mgr Camshron gu bheil "guailnean farsaing na Rìoghachd Aonaichte" a dhìth airson an gnìomhachas a leasachadh.

Ach bidh Ministearan na h-Alba, a bhios cuideachd a' coinneachadh ann an Siorrachd Obar Dheathain, ag ràdh gu bheil còir aig a' Phrìomhaire leisgeul a thabhann airson ana-caitheamh a dhèanamh air airgead às a' Chuan a Tuath.

Ola agus gas

Ged a tha an dà Chaibineat gu bhith faisg air a chèile, chan eil dùil idir gun coinnich iad.

Anns an deasbad mu neo-eisimeileachd na h-Alba, cha robh an dà riaghaltas a-riamh cho fada bho chèile, ach cha bhi ach astar glè bheag eatorra Diluain agus Ailig Salmond agus Daibhidh Camshron aig ceann choinneamhan Caibineit anns an Ear-Thuath.

'S e gnìomhachas na h-ola a bhios air a' chlàr-obrach agus dùil ri aithisg ùr bho Sir Ian Wood, a b' àbhaist a bhith na Chathraiche air Wood Group, buidheann a bhiodh a' frithealadh chompanaidhean ola sa Chuan a Tuath.

Canaidh am Prìomhaire gun dèan an gnìomhachas nas fheàrr san àm ri teachd mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte, ach their am Prìomh Mhinistear gum bi buannachd mhòr an lùib neo-eisimeileachd agus iarraidh e leisgeul bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson airgead na h-ola a chosg gun fheum thar nam bliadhnaichean.

Aithisg

Thathas air cuid de mholaidhean Sir Iain Wood a chluinntinn mar-thà, o chionn 's gun do dh'fhoillsich e aithisg eadar-amail aig deireadh na bliadhna an-uiridh.

Tha aithisg Sir Ian ag ràdh nach eil cumhachdan gu leòr aig Roinn a' Chumhachd aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, agus gur ann air an adhbhar sin a tha e ag iarraidh buidhne riaghlaidh ùir.

Tha am Prìomhaire agus am Prìomh Mhinistear le chèile air ràdh gun gabh iad ri molaidhean na h-aithisg.

Chaidh an sgrùdadh le Sir Ian Wood a stèidheachadh sa chiad dol a-mach air sgàth 's gun robh toradh agus èifeachdas a' ghnìomhachais a' crìonadh.

Ged a tha seo air tachairt, canaidh Sir Ian gu bheil ola gu leòr fhathast ann, ach gu bheil e nas cosgaile a thoirt a-mach.

Tha e air a ràdh gu bheil Roinn an Ionmhais ann an Lunnainn, a tha an-dràsta a' faighinn airgid bho chìsean na h-ola, air airgead a chall mar thoradh air an seo.

Dòighean-riaghlaidh ùra

Mar sin, canaidh e gum feumar dòighean-riaghlaidh ùra a stèidheachadh gus dèanamh cinnteach gun tèid an t-airgead as motha fhaighinn on Chuan a Tuath sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Tha dùil gum bi gnìomhachas na h-ola gu math cudromach don deasbad air thoiseach air an referendum.

Gu h-eachdraidheil, a' dol air ais gu na 1970an, b' ann air sgàth an airgid a bha ri fhaotainn bhon Chuan a Tuath a dh'fhàs taic airson neo-eisimeileachd anns a' chiad dol a-mach.

Dàibhidh Camshron agus Ailig Salmond Cha bhi ach astar glè bheag eatorra Diluain agus Ailig Salmond agus Dàibhidh Camshron aig ceann choinneamhan Caibineit anns an Ear-Thuath.

Tha coltas ann gu bheil an deasbad a-nis air gluasad air falbh bho bhith ag ràdh, a bheil gu leòr ola fhathast ann no nach eil.

Tha an dà riaghaltas a-nis a' deasbad dè an dòigh as fheàrr air taic a chur ris a' ghnìomhachas, le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cumail a-mach gur ann bho thaobh a-staigh na Rìoghachd Aonaichte as fheàrr a thèid sin a dhèanamh agus Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum biodh buannachdan mòra an lùib neo-eisimeileachd.

Ged is fhada on chunnaic Ear-Thuath na h-Alba an dà chuid am Prìomhaire agus am Prìomh Mhinistear san sgìre aig an aon àm, tha coltas gum bi iad a' tadhal ann turas no dhà eile mus tig an referendum san t-Sultain.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.