"Conaltradh a dhìth" bhon MoD

  • 21 An Gearran 2014
Tràigh Ghriais Image copyright John Allan/Geograph
Image caption Tha Mgr Crichton dòchasach gun dèan an MoD a h-uile oidhirp airson dèanamh cinnteach nach bi sgudal sam bith air fhàgail timcheall nan tìrean.

Sgrìobh fear de bhuill Chomhairle nan Eilean Siar gu Ministearalachd an Dìon (MoD) ag iarraidh barrachd fhiosrachaidh mu uidheam lasair a chaidh a lorg air tràigh Ghriais ann an Leòdhas bho chionn faisg air cola-deug.

Tha an Comh. Dòmhnall Crichton airson dearbhadh an robh e co-cheangailte ri eacarsaich a bh' aig NATO san Loch a Tuath an-uiridh.

Tha e cuideachd air iarrtas a dhèanamh gun tèid barrachd fiosrachaidh a sgaoileadh am measg a' phobaill mu obair Mhinistearalachd an Dìon.

Cha do thachair càil an turas seo, ach b' ann air an adhbhar sin a chur Mgr Crichton litir chun an MoD.

Thuirt e gun deach eacarsaich a dhèanamh leotha fhèin agus NATO timcheall air Loch a Tuath an-uiridh, agus gur màithte gu bheil ceangal eatorra.

Conaltradh

"Bha sinn fortanach, aig an àm seo, nach robh duine air an goirteachadh, ach chan eil fhios dè a thachradh nan tigeadh duine tarsainn air rud mar seo a-rithist," thuirt Mgr Crichton.

Mar sin, thathar airson faighinn a-mach le cinnt, dè a bh' ann agus co às a thàinig e.

Tha Mgr Crichton dòchasach gun dèan Ministearalachd an Dìon a h-uile oidhirp airson dèanamh cinnteach nach bi sgudal sam bith air fhàgail timcheall nan tìrean.

Nuair a thathas an dùil eacarsaich mar seo a dhèanamh, tha Mgr Crichton airson 's gun dèanear barrachd conaltraidh ri muinntir an àite.

Thuirt e gu bheil e cudromach gu bheil fios aig daoine dè a nì iad ma iad tarsainn air nì neo-àbhaisteach mar seo a-rithist.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile