Ministear na Cumhachd dòchasach mun chàbal-dealain

  • 21 An Gearran 2014
Càbal air grunnd na mara
Image caption Tha an càbal riatanach airson cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh sna h-Eileanan Siar.

Thuirt Ministear na Cumhachd ann an Alba gu bheil e na phrìomhachas dha dòigh a lorg air càbal-dealain a chur eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr.

Tha Fearghas Ewing air coinneamh a ghairm ann an Steòrnabhagh Diluain, far am beachdaich riochdairean bhon Riaghaltas agus gnìomhachas an dealain air mar a thèid cumhachd an dealan a thoirt air falbh às na h-Eileanan mu Thuath agus na h-Eileanan Siar.

Thuirt Mgr Ewing nach mòr nach robh iad air fuasgladh fhaighinn agus, le toil phoileataigeach, gun gabhadh e a dhèanamh.

San Dùbhlachd an-uiridh, dh'innis Scottish and Southern Energy (SSE) gun deach ceann-là a' phròiseict a chur air ais dà bhliadhna, gu 2019, dà bhliadhna eile nas fhadalaiche na bha dùil.

Ceistean

Aig a' cheart àm, nochd ceistean mun taic-airgid a bha an Riaghaltas a' dol a chur ri cumhachd ath-nuadhachail aig muir agus tìr. Bha mòran a' gearain gun robh a' phrìs a bhathar a' moladh airson gach MW de chumhachd gach uair de thìde ro ìosal do na h-eileanan, gu h-àraidh na h-Eileanan Siar.

Nochd ceistean cuideachd mu na cosgaisean a bhiodh an lùib an dealain fhaighinn air falbh às na h-Eileanan agus thathas fhathast a' feitheamh gus am faicear dè an ìre aig an tèid sin a stèidheachadh.

Chun na h-ìre seo, tha mòran dhaoine a tha an sàs anns a' chùis a' cur na coire air SSE, agus a' cho-chompanaidh SHE Transmission, airson an dàil.

Neo-choileanta

Image copyright (C) British Broadcasting Corporation
Image caption Thuirt Fearghas Ewing gun gabh freagairtean fhaighinn, agus gu bheil esan ga mheas uabhasach cudromach gun tachair seo.

A rèir coltais, chaidh iarrtas nach robh coileanta a chur gu riaghladair a' chumhachd Ofgem an-uiridh, agus thuirt Ofgem gun robh tòrr a bharrachd fiosrachaidh a dhìth orra, agus gun robh iad mar-thà air rabhadh a thoirt do SSE mu iarrtas neo-choileanta.

Mar sin dheth, bha daoine a' cur na coire air SSE, a' cumail a-mach nach robh iad a' dèanamh an dleastanais.

Tha muinntir nan eilean air a bhith a' feitheamh grunn bhliadhnaichean airson SSE, tron cho-chompanaidh SHE Transmission, iarrtas coileanta a chur gu Ofgem.

Air a' mhios a chaidh seachad, mus cuireadh iad an iarrtas fhèin gu Ofgem, bha SSE ag iarraidh ghealltanasan bhon luchd-leasachaidh gum biodh iad deònach pàigheadh airson a' chàbaill dealain nan deadh a chur an sàs.

Dòchasach

Tha coltas ann gun deach na geallaidhean sin a thoirt seachad mu mheadhan an Fhaoillich.

Thuirt Mgr Ewing gum biodh SSE an làthair Diluain, cuide ris na buidhnean eile air fad, agus gun deadh ceistean fhaighneachd is freagairtean fhaighinn aig a' choinneimh sin.

Tha Mgr Ewing gu math dòchasach gun tèid an càball air adhart, 's e air a ràdh gu bheil Rùnaire a' Chumhachd ann an Riaghaltas Bhreatainn, Ed Davey, cuideachd a' cur a thaic ris an seo.

Thuirt e, le toil phoileataigeach, gun gabh freagairtean fhaighinn, agus gu bheil esan ga mheas uabhasach cudromach gun tachair seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile