Ban-Sgitheanach fo chasaid muirt

  • 21 An Gearran 2014

Nochd boireannach a tha fo chasaid gun do mhuirt i an duine aice san Eilean Sgitheanach air ais anns a' chùirt Dihaoine.

Ann an èisteachd ann an dìomhaireachd aig Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis, cha do rinn Sandra Bruce, a tha 59, tagradh sam bith agus chaidh a cumail an grèim.

B' e seo a' chiad murt anns an Eilean Sgitheanach ann an cuimhne dhaoine.

Chaidh an corp aig Tormod Bruce, aois 64, a lorg na dhachaigh ann am Breacais san Eilean Sgitheanach o chionn cha-mhòr cola-deug.

Chaidh casaid muirt a chur air a bhean, Sandra Bruce, agus chaidh innse gun tèid cùis-lagha air adhart na h-aghaidh.

Cha do rinn i tagradh sam bith agus chaidh a cumail an grèim gus an nochd a' chùis san Àrd-Chùirt.