An t-airgead nur pòcaidean

  • 21 An Gearran 2014
Airgead
A' freagairt nan ceistean mòra eaconamach, cuspair a th' aig cridhe an deasbaid mu neo-eisimeileachd na h-Alba.

Chan eil teagamh gu bheil an eaconamaidh an teis-meadhan an deasbaid a thaobh neo-eisimeileachd na h-Alba.

Ach le na h-uimhir de dh'fhaclan agus àireamhan gan tilgeil mun cuairt, 's e dùbhlan a bh' ann dha-rìribh a' feuchainn ri ciall a dhèanamh dhiubh.

Sin a chaidh a chur romhainn mar sgioba 'son an dàrna prògraim san t-sreath, Rathad an Referendum: An Eaconamaidh.

Oideachadh

B' e ar n-amas, mìneachadh a thoirt air cuid de na faclan co-cheangailte ris an eaconamaidh, agus soilleireachadh a thoirt air na tha gach taobh den deasbad mu neo-eisimeileachd ag ràdh mu na thachras ris an airgead nur pòcaidean.

Bha Coinneach deimhinnte mu aon rud - 's e sin nach eil càil cinnteach uair sam bith a thaobh na h-eaconamaidh.

Le gach rud ionmhasail - ma tha mis' ag iarraidh mìneachadh soilleir - cò a b' fheàrr na Coinneach MacMhathain, a bhios tric a' toirt fiosrachaidh agus oideachadh dhuinn mu ghnothaichean eaconamach air Aithris na Maidne.

Mhìnich Coinneach dhuinn na tha leithid GDP, neo-easbhaidh agus neo-fhiachan a' ciallachadh, an dà chuid gu nàiseanta, ach cuideachd airson an airgid nur pòcaidean fhèin.

Bhruidhinn sinn ri luchd-taic nan iomairtean fa-leth, le Alasdair Stephen a' bruidhinn às leth Bu Chòir, agus Alasdair Moireasdan a' riochdachadh na buidhne Nas Fheàrr Còmhla.

Diofar bhuidhnean

Mar phàirt de ar turas, thadhail sinn air factaraidh na companaidh-bidhe Walkers ann am Moireibh.

Bha sinn airson sealladh a thoirt air gnìomhachas a tha gu tur Albannach, bhon bhiadh bhlasta a tha ga dhèanamh, chun a' chòmhdaich thartain.

Bhruidhinn sinn cuideachd ri leithid Oxfam mun bhuaidh a th' aig an eaconamaidh air na daoine as bochda san dùthaich.

Dè a bhuaidh a bheireadh neo-eisimeileachd air gach nì a tha sin ge-tà?

Mì-chinnt

Bha Coinneach deimhinnte mu aon rud - 's e sin nach gabh ach aon rud a ràdh le cinnt agus 's e sin nach eil càil cinnteach uair sam bith - neo-eisimeileachd ann neo às - a thaobh na h-eaconamaidh.