Gearain mu leasachadh Chaisteil Leòdhais

  • 20 An Gearran 2014
Caisteal Leòdhais Image copyright David Maclennan/Geograph
Image caption Tha pàirt den chaisteal gu bhith na thaigh-tasgaidh.

Chaidh gearain oifigeil a thogail an aghaidh Comhairle nan Eilean Siar a thaobh pròiseict ath-leasachaidh Chaisteil Leòdhais.

Tha draghan air nochdadh gu bheil iad air am planaichean airson taigh-òsta atharrachadh a-nis gu seòmraichean far am bi daoine ag ullachadh an cuid bidhe fhèin.

'S e fear-gnothaich ann an Steòrnabhagh, Graham MacIllFhialain, a th' air an gearain seo a thogail.

Tha e ag ràdh gun deach innse do ghnìomhachas an luchd-turais air an eilean gur e taigh-òsta spaideil a bhiodh anns a' chaisteal, cuide ri taigh-tasgaidh phoblach.

Thuirt e nach robh càil aig duine an aghaidh nam planaichean sin, seach nach robh an leithid ann mar-thà, ach tha e a-nis air a thighinn am follais gu bheil na planaichean air atharrachadh.

Cothromach

Tha Mgr MacIllFhialain ag ràdh nach eil seo idir cothromach, 's gu bheil an dearbh sheòrsa gnìomhachais aige fhèin.

Thuirt e gu bheil uimhir de dh'àiteachan "self-catering" a-nis air an eilean 's gu bheil e mar-thà duilich iad uile a lìonadh.

Cuideachd, leis nach deach innse do ghnìomhachasan ionadail mu na h-atharrachaidhean sna planaichean, thuirt Mgr MacIllFhialain nach robh cothrom aca am beachdan a thoirt seachad.

Thuirt e gu bheil ceist ann am bu chòir airgead poblach a bhith air a thoirt seachad do phròiseactan a bhiodh a' farpais ri companaidhean a tha a' toirt seachad an aon sheirbheis, agus a tha mar-thà stèidhichte san sgìre.

Tha Mgr MacIllFhialain cuideachd airson ceasnachadh co-dhiù an do bhris a' Chomhairle na laghan Eòrpach mu chuairt air seo.

Tha e air sgrìobhadh chun nan comhairlichean air fad, ag iarraidh orra tarraing air ais bho na planaichean a tha seo.

Às àicheadh

Tha a' Chomhairle a' dol às àicheadh nan casaidean gu tur.

Thuirt fear-labhairt gu bheil iad fhathast a' coimhead gu mionaideach air a' phròiseict agus nach eil na planaichean fhathast buileach ullaichte.

Thathar cuideachd air a ràdh nach eilear deiseil innse cò a' chompanaidh a tha a' dol a ruith nan àiteachan-fuirich, 's gun dèan iad sin aig an àm cheart.

Chaidh a mhìneachadh san iarrtas-dealbhachaidh gur e companaidh leis an ainm 'Natural Retreats' a th' ann.

Air làrach-lìn na companaidh, tha iad ag ràdh gu bheil àiteachan-fuirich aca air feadh na dùthcha, gu sònraichte àiteachan-fuirich far am bi daoine ag ullachadh an cuid bidhe fhèin - an dearbh rud mu bheil daoine a' gearain.

Tha a' Chomhairle air a ràdh gur e measgachadh de thaigh-òsta agus "àiteachan-fuirich eile" a tha iadsan a' moladh, agus gum bi a' chompanaidh leis am bithear ag obair cuideachd a' ruith àite-bidhe san taigh-tasgaidh ùr.

Thuirt an neach-labhairt gun deach an cùmhnant a-mach gu tairgse ann an 2012 agus gur ann tron sin a fhuair iad aonta leis a' chompanaidh seo.

Tha muinntir an eilein air a bhith a' feitheamh gus feum a dhèanamh den chaisteal fad bhliadhnaichean mòra.

'S e pròiseict mhòr a tha san amharc, luach £13m, agus tha obair-leasachaidh air tòiseachadh mar-thà, le cùmhnant luach £8m.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile