Ìmpidh air muinntir Chàrlabhaigh

  • 20 An Gearran 2014
Càrlabhagh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Feumaidh bhòtaichean a bhith a-staigh ro 4:00f Diluain 24mh an Gearran.

Tha impidh ga chur air muinntir Oighreachd Chàrlabhaigh ann an Leòdhas, dèanamh cinnteach gum bhòt iad sa bhaileat mu bhith a' ceannach na h-oighreachd don choimhearsnachd.

Feumaidh na pàipearan, a chaidh a sgaoileadh roimhe, a bhith air ais aig a' Chomhairle ro 4:00f Diluain 24mh an Gearran.

A rèir cathraiche na buidhne-stiùiridh tha os cionn na h-iomairt airson an oighreachd a cheannach, Coinneach MacIllinnein, tha iad ag iarraidh àireamh mhòir de bhòtaichean.

"Tha treallaich chòmhraidh a' dol mu dheidhinn a' ghnothaich," thuirt e.

"Chan urrainn dhomhsa ag ràdh gu bheil mi a' cluinntinn mòran mu dheidhinn, ach tha cuid air a bhith a' bruidhinn rium mu dheidhinn, 's cuid air a bhith leis, 's cuid air a bhith na aghaidh, 's cuid nach eil cinnteach.

"Mar sin dheth, tha a bheachd fhèin aig a h-uile duine.

"Ach bheirinn a' chomhairle air a h-uile duine, as b' i dè am beachd a th' aca, dèanamh cinnteach gun cuir iad a' bhileag air ais.

"Airson tha e garbh cudromach gum bi a h-uile duine as urrainn air na bileagan a chur air ais ach am bi ceudad ceart den t-sluagh a th' air an oighreachd air bhòtadh," thuirt e.