"Feumaidh CnES atharrachadh"

  • 20 An Gearran 2014
Port-adhair Bharraigh Image copyright Ewan Torrance
Image caption Dhiùlt a' Chomhairle an t-seirbheis-adhair gu Beinn nam Fadhla a thoirt air ais.

Bu chòir coimhead ri dòighean-obrach Comhairle nan Eilean Siar atharrachadh, a rèir comhairliche Bharraich.

Às dèidh mar a dhiùlt a' Chomhairle an t-seirbheis-adhair eadar Barraigh agus Beinn nam Fadhla a thoirt air ais, nochd beachd gum bu chòir an t-eilean ùghdarras Chomhairle nan Eilean Siar fhàgail, agus a dhol fo sgèith Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, seach gu bheil "leth-bhreith" ga dhèanamh air an eilean.

Tha an Comh. Dòmhnall Manford, a tha a' riochdachadh Bharraigh, ag ràdh ge-tà, gur e ceum ro fhada a bhiodh ann an sin, 's gu bheil feum coimhead air mar a tha co-dhùnaidhean gan dèanamh air an leithid.

"Cuimhnich a-niste, gum faigh mise a Dhùn Èideann à Barraigh ann an dà uair de thìde," thuirt e.

Adhartachadh

"Ach gu oifis na Comhairle ann an Steòrnabhagh, bheir e fad an là.

"Tha gu leòr a' faighneachd gu dè mar as urrainn do dhaoine a ràdh gur e comhairle ionadail a tha sin?

"Ma dh'fhaoidte, aig a' chiad dol-a-mach, gum bu chòir dhuinn a ràdh nach e na h-Eileanan an Iar a dh'fheumas atharrachadh idir, nam bheachd-sa, airson na Comhairle.

"'S e a' Chomhairle a dh'fheumas atharrachadh airson nan Eileanan an Iar.

"Tha Barraigh anns na h-Eileanan an Iar, agus tha na h-Eileanan an Iar ceangailte ri Barraigh.

"Le bhith a' deasbad sin, chan eilear ach a' cumail am falach nan duilgheadasan a th' anns na h-Eileanan an Iar fhèin.

"Sin an rud a dh'fheumas sinn a chur ceart.

"Mura bheil a' Chomhairle air chomas sin a dhèanamh, feumaidh na daoine anns na h-Eileanan an Iar, agus na coimhearsnachdan, a dhèanamh sinn fhèin.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e follaiseach gu bheil leth-bhreith ga dhèanamh air Barraigh.

Image caption Thuirt ceannard na Comhairle gun robh a' Chomhairle ann an suidheachadh duilich, far an robh aca ri gearraidhean a dhèanamh air feadh nan Eilean.

"Duine sam bith a choimheadas air sin ann an dòigh fhosgailte sam bith cha ghabh a dhol às àicheadh.

"Nuair a chì thu, mar eisimpleir, euslaintich a' falbh à Barraigh air aiseag a dh'Èirisgeigh, agus suas an uair sin gu Beinn nam Fadhla airson uaireannan seirbheisean-adhair fhaighinn à Beinn nam Fadhla a Ghlaschu, on a tha am plèana eadar Barraigh is Glaschu làn le oifigich a' falbh à Steòrnabhagh a Bharraigh, rathad Ghlaschu.

"Tha sin nàir, agus cha ghabh e cur suas ris. Chan eil an sin a-niste ach aon eisimpleir.

"Tha mise a' smaoineachadh gur e an cothrom as motha a th' aig na h-Eileanan an Iar obrachadh nas fheàrr a tha romhainn.

"Nuair a chaidh a' Chomhairle a chruthachadh an toiseach, thug e air aghaidh na h-Eileanan an Iar an t-uabhas.

"Tha a-niste a' Chomhairle seo gan tachdadh, gan cumail air n-ais o bhith a' cumail orra ag adhartachadh.

Suidheachadh duilich

"Feumaidh a' Chomhairle fhèin sguir dheth seo, ionnsachadh, no a bhith air a pùtadh gu aon taobh.

"Tha cothrom ann le laghan ùra gum bi cothrom aig coimhearsnachdan agus eileanan air an leth fhèin a bhith a' faighinn ionmhais no seirbheisean a chur dìreach thuca fhèin an àite a chur tron Chomhairle.

"Tha mise a' faicinn, mas urrainn dhuinn sin a thoirt air n-aghaidh, nach robh na h-Eileanan riamh ann an suidheachadh cho làidir sinn fhèin a thoirt air n-aghaidh còmhla.

"Feumaidh a' Chomhairle dìreach ionnsachadh tighinn còmhla rinn, no a bhith air fhàgail air dheireadh," thuirt e.

Thuirt ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, nach robh dòigh anns an robhar a dèanamh leth-bhreith air Barraigh.

Thuirt e gun robh a' Chomhairle ann an suidheachadh duilich, far an robh aca ri gearraidhean a dhèanamh air feadh nan Eilean, agus nach robh duine air an dòigh mun sin.

Thuirt e gun robh Barraigh air 20% de dh'airgead calpa rathaidean na Comhairle fhaighinn sa bhliadhna a chaidh seachad, agus gun robh cosgais mhòr ga cur a-mach air cidhe Àird-Mhèanais cuideachd.

Thuirt e nan deigheadh dòigh mhaoineachaidh na Comhairle atharrachadh, gur e glè bheag a gheibheadh na sgìrean as lugha - nan deigheadh an t-airgead a roinn a rèir meud an t-sluaigh agus meud an fhearainn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile