Pòsaidhean aona-ghnetheach gan ceadachadh

  • 21 An Gearran 2014

Tha Pàrlamaid na h-Alba air bhòtadh pòsaidhean aona-ghnetheach a cheadachadh.

Bhòt 105 ball air a shon agus 18 duine na aghaidh.

Chuir a' Phàrlamaid taic ri Bile air a' chùis, a dh'aindeoin dragh bho eaglaisean agus buidhnean cràbhaidh.

Thuirt Rùnaire na Slàinte aig Holyrood, Ailig Neil, gur e là eachdraidheil a bh' ann do dh'Alba.

Dh'fhadadh na ciad bainnsean eadar daoine den aon gnè tachairt san Dàmhair am-bliadhna.