Dàil air planaichean connspaideach an A9

  • 19 An Gearran 2014
Camara
Tha iomairt mhòr air a bhith a' dol an aghaidh nan camarathan, agus daoine den bheachd nach dèan iad feum.

Chaidh dàil a chur air planaichean connspaideach gus camarathan astair coitchinn a stèidheachadh air an A9 eadar Peairt agus Inbhir Nis.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gur e trioblaidean teicnigeach a bu choireach.

Thàinig e cuideachd am follais gu bheil oifigearan air meud na pròiseict a lùghdachadh, 's gum bi camarathan suidhichte air pàirtean singilte den A9 a-mhàin.

Tha ministearan an Riaghaltais air a ràdh gun toir na camarathan piseach air sàbhailteachd rathaid, co-dhiù gus an tèid an A9 air fad a dhùblachadh sna bliadhnaichean a tha romhainn.

Gheall ministearan roimhe gum biodh na camarathan ag obair as t-Samhradh, ach tha e a-nis coltach nach tèid an steidheachadh chun an Fhoghair, aig a' char as tràithe.

Tha iomairt mhòr air a bhith a' dol an aghaidh nan camarathan, agus daoine den bheachd nach dèan iad feum.

Chuir am BP Gàidhealach, Danny Alexander, ath-chuinge air chois Diciadain, ag iarraidh air an Riaghaltas cuidhteas fhaighinn de na planaichean.

Tha esan ag ràdh nach toir na camarathan piseach sam bith air an àireamh de thubaistean a tha a' tachairt air an rathad.