Taigh-staile san amharc ann an Slèite

  • 19 An Gearran 2014
Torabhaig Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha Torabhaig ann an Slèite, ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.

Chaidh planaichean fhoillseachadh airson an dàrna taigh-staile a thogail san Eilean Sgitheanach.

Tha dùil gun cosg Taigh-staile Thorabhaig, ann an Slèite, £5m, agus gum faigh ochdnar cosnadh ann.

'S iad geug-chompanaidh de Mossburn Distillers a tha air cùl na h-iomairt.

Dheadh an taigh-staile a thogail ann an seann togalaichean tuathanais Thorabhaig.

Thòisicheadh obair-togail tràth as t-Samhradh, le dùil gum biodh uisge-beatha ga dhèanamh ro dheireadh 2015.

Thuirt Àrd-stiùiriche Mossburn, Niall MacMhathain: "Tha cliù aig an Eilean Sgitheanach air feadh an t-saoghail air sgàth a bhòidhcheid agus a dhualchais chultarail.

"Tha sinne den bheachd gun cuir Torabhaig gu mòr ri gnìomhachas an uisge-bheatha san eilean, agus ris na th' aig an eilean ri thabhainn do luchd-tadhail bho air feadh an t-saoghail.

"'S e àite sònraichte math a th' ann airson taigh-staile bhig, thraidiseanta, agus tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ris a' choimhearsnachd ionadail gus ar cuid phlanaichean a thoirt gu buil."

'S iad a' chompanidh ailltireachd à Dùn Èideann, Simpson and Brown, a tha a' dealbhachadh an taigh-staile ùir.