Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Gearran 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Thuit an àireamh de dhaoine ann an Alba a tha gun chosnadh. A rèir nam figearan as ùire, anns na trì mìosan mu dheireadh den bhliadhna an-uiridh, thuit an àireamh 3,000, ga thoirt sìos gu 195,000. Anns an Rìoghachd Aonaichte air fad, thuit an àireamh 125,000 gu 2.34 millean. Tha 7.1% ann an Alba gun chosnadh, agus 7.2% anns an Rìoghachd Aonaichte air fad.

Ugràin

Tha am fòirneart a' leantainn annn am prìomh bhaile Ugràin, Kiev. Tha Riaghaltas na dùthcha ag ràdh gu bheil 25 duine air bàsachadh às dèidh sabaid eadar luchd-strì agus poilis. Chaidh còrr is 200 a leòn. Thòisich caismeachdan an aghaidh an Riaghaltais bho chionn trì mìosan.

Bannan Airgid

Thèid cumhachd a thoirt do Riaghaltas na h-Alba airgead a thoirt air iasad bho na margaidhean calpa eadar-nàiseanta fo laghan ùra a thig à Westminster. Bidh cothrom aig ministearan suas ri £2.2bn fhaighinn a dh'fhaodar an uair sin a chleachdadh airson phròiseactan calpa leithid sgoiltean agus còmhdhail. Tha Àrd-Rùnaire Roinn an Ionmhais, Danny Alexander, ag ràdh gu bheil seo a' sealltainn gun tèid aig Alba air fàs taobh a-staigh na Rioghachd Aonaichte. Tha ministearan Riaghaltas na h-Alba ag ràdh ge-tà, nach tig fàs seasmhach air Alba ach le neo-eisimeileachd.

Bàs on Dibhe

Tha an àireamh de dhaoine a th' air bàsachadh ann an Alba ri linn deoch-làidir air tuiteam gu mòr anns na deich bliadhna gu ruige 2012. 'S e Alba an aon phàirt den Rìoghachd Aonaichte far a bheil seo air tachairt, le àireamhan ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh ag èirigh tron ùine seo. Ann an Alba thuit an àireamh 37% airson fireannaich, agus 34% airson boireannaich.

Sàr-Eileanan

Tha eileanan na h-Alba am measg an fheadhainn as tarraingiche air an t-saoghal. Tha sin a rèir sgrùdaidh na làraich-lìn turasachd TripAdvisor. 'S e Leòdhas agus na Hearadh a thàinig anns a' chòigeamh àite de dh'eileanan an t-saoghail gu lèir, agus anns a' phrìomh àite anns an Roinn Eòrpa. Thuirt TripAdvisor gun robh na clàran nan dearbhadh gum faodadh daoine a dhol gu eileanan nas fhaisge orra airson saor-làithean.