Dara fear fo chasaid mu Chille Chuimein

  • 19 An Gearran 2014
Abaid Chille Chuimein
Image caption Thòisich na Poilis rannsachadh mu dhroch dhìol agus drabastachd aig an sgoil sa Mhàirt a chaidh.

Tha Poilis air Ghàidhealtachd air fireannach eile a chur an grèim co-cheangailte ris an rannsachadh a thathas a' dèanamh mu dhrabastachd aig Sgoil Abaid Chille Chuimein.

Thuirt Poilis na h-Alba gun deach an duine, aois 63, agus a bhuineas do thaobh siar na h-Alba, a chur fo chasaid co-cheangailte ri drabastachd agus droch dhìol.

Chaidh aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Thòisich na Poilis rannsachadh mu dhroch dhìol agus drabastachd aig an sgoil sa Mhàirt a chaidh.

Chaidh fireannach eile, aois 80, bhon Ghàidhealtachd, a chur fo chasaid san t-Sultain an-uiridh, agus chaidh aithrisean mu thriùir fhireannach eile a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Bha an sgoil, a dhùin tràth anns na 90an, air a ruith le manaich Chaitligeach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile