Sgitheadh tro mheadhan na Gàidhlig

  • 19 An Gearran 2014
Lioft-sgithidh Image copyright PA
Image caption Thug Comunn na Gàidhlig buidheann de dh'òigridh a-mach airson Gàidhlig a bhrosnachadh ann an suidheachadh neo-fhoirmeil, spòrsail.

'S iomadh rud a chaidh fheuchainn tro na bliadhnaichean airson toirt air òigridh Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh na sgoile.

Anns na beagan làithean mu dheireadh, thug Comunn na Gàidhlig buidheann sgoilearan a-mach a sgitheadh aig Leac a' Ghobhainn, leis a' mhòr-chuid den teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

Ghabh na mìlltean chun nam beanntan air an deireadh-sheachdain, agus aon de na làithean sgithidh a b' fheàrr an Alba airson bliadhnaichean ann Là na Sàbaid.

Nam measg, thug Comunn na Gàidhlig buidheann de dh'òigridh a-mach airson Gàidhlig a bhrosnachadh ann an suidheachadh neo-fhoirmeil, spòrsail.

Thuirt tè de na h-oifigearan-leasachaidh aig Comann na Gàidhlig, Tara Nic Fhraing, gu bheil e cudromach gum faighear cothroman Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean mar seo.

Thuirt i gu bheil e math don chloinn a bhith a' tachairt ri cloinn eile bho sgoiltean eadar-dhealaichte air feadh na Gàidhealtachd, agus a bhith a' cur eòlais air càch a chèile.

Sgilean ùra

"Chan ann dìreach air taobh a-staigh an t-seòmair-chlas a tha iad a' bruidhinn Gàidhlig.

"Tha e math gum faigh iad cothrom ionnsachadh sgitheadh agus togail sgilean ùra, 's a' gabhail spòrs aig an aon àm," thuirt Tara.

Bha cuid den bhuidhinn nach robh riamh air paidhir sgithean a chur orra agus, ged a bhathas an toiseach ga fhaighinn doirbh fuireach air an casan, chùm iad orra agus iad uile a' toirt taic don caraidean ùra.

B' ann tro mheadhan na Gàidhlig a bha a' mhòr-chuid den teagasg agus cha do chuir sin bacadh sam bith air na sgoilearan.

Ro dheireadh an turais, bha iad uile comasach faighinn bho mhullach na beinne chun a' bhuinn agus, a rèir dithis de na sgoilearan, thàinig adhartas air an cuid Ghàidhlig cuideachd.

"Tha mi a' smaointinn gum bi e a' fàs nas fheàrr oir ann an Ìle tha iad dìreach a' cleachdadh nam faclan sin agus an uair sin, nuair a bhios mi a' dol air turas mar seo, bidh mi a' cluinntinn tòrr Gàidhlig diofraichte," thuirt Romy.

Brosnachadh

"Tha e math, daoine mun aois agad fhèin, a bhith a' cleachdadh a' chànain còmhla riutha," thuirt Claire-Frances.

Image caption Ghabh na mìlltean chun nam beanntan air aon de na làithean sgithidh a b' fheàrr an Alba airson bliadhnaichean.

Tha coltas ann gun d' fhuair daoine nach robh co-cheangailte ris a' bhuidhinn brosnachadh às cuideachd, mar a dh'innis an t-oifigear-leasachaidh, Dòmhnall Morris.

"Bha sinn aig bonn aon de na lioftaichean agus thàinig am boireannach seo a bhruidhinn rinn, 's thòisich i air beagan Gàidhlig a bhruidhinn rinn 's i air tòiseachadh air Gàidhlig ionnsachadh.

"Fhuair ise brosnachadh às gun robh sinne a' feuchainn ris a' Ghàidhlig a bhrosnachadh.

"Tha mi an dòchas gu bheil an òigridh air co-theacsa fhaighinn gu bheil iad a' faighinn air rudan spòrsail a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sin cudromach," thuirt Mgr Morris.

Mar sin, ged a bha fìor mheasgachadh de shìde aca, tha coltas ann gur e turas glè shoirbheachail a bh' ann don fheadhainn a bha an sàs.