Leòdhas sna Hearadh os cionn na Roinn Eòrpa

  • 19 An Gearran 2014
Tràigh Horgabost Image copyright Rachel Bibby
Image caption Nochd trì eileanan Albannach air liosta nan eileanan Eòrpach as fheàrr.

'S e Leòdhas agus na Hearadh an t-eilean as fheàrr san Roinn Eòrpa, a rèir na làraich-lìn eadar-nàisanta siubhail TripAdvisor.

Rinn an t-eilean an gnothach air eileanan ann an Thailand, Chile agus Madagascar, 's e am measg nam prìomh chòig eileanan san t-saoghal.

'S e Leòdhas is na Hearadh an t-eilean as motha an Alba.

Tha eileanan ann an Alba air an liosta aca corra thuras eile, le Arcaibh agus Eilean Mhuile cuideachd air an ainmeachadh sna prìomh 10 eileanan Eòrpach.

Tha sia de na prìomh 10 eileanan Breatannach ann an Alba cuideachd. Tha an t-Eilean Sgitheanach, Eilean Arainn agus Ìle anns a' chòigeamh, an t-siathamh agus an ochdamh àite air an liosta sin.

'S ann air beachdan luchd-turais a thadhail air na h-àiteachan a tha an liosta stèidhichte.

"Cha chreid mi gum bi na mìltean a' nochdadh air cidhe Steòrnabhaigh a-màireach," thuirt an t-eòlaiche siubhail Dàibhidh Byrne.

"Ach an dòigh anns a bheil na rudan seo ag obair, bidh daoine a' leughadh mu dheidhinn seo air feadh an t-saoghail.

"Bidh a-nise an ùidh aca air a togail, air sgàth 's gu bheil daoine an-dràsta air feadh an t-saoghail a' dèanamh phlanaichean airson làithean-saora na bliadhna seo.

Image caption 'S ann air beachdan luchd-turais a thadhail air na h-àiteachan a tha an liosta stèidhichte.

"Le sin, tha mi a' smaoineachadh gum faic sinn a' bhuaidh nas anmoiche sa bhliadhna," thuirt e.

'S e Ambergris Caye ann am Belìs, an Aimeireaga a Deas, a fhuair am prìomh àite san t-saoghal, an dàrna bliadhna sreath a chèile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile