Tuath-gaoithe ga dhiùltadh

  • 18 An Gearran 2014

Chaidh cead a diùltadh do thuath-ghaoithe faisg air Raoghard ann an Cataibh.

Bha a' chompanaidh Wind Prospects Developments Eta a' sireadh chead airson 13 crainn air oighreachd Threasaididh.

Ged a mhol oifigearan dealbhachaidh Chomhairle na Gàidhealtachd gum bu chòir taic a chur ris, bha comhairlichean den beachd gun robh cus thuathan-gaoithe san sgìre mar thà, agus gum milleadh e dreach na dùthcha.