Pàipearan-naidheachd nan Eilean Siar

  • 18 An Gearran 2014
Clò-bhualadh
Image caption Tha mòran dhaoine sna h-Eileanan air a bhith a' gearain mu cho fadalach 's a tha na pàipearan a' tighinn thuca on thòisich iad a' tighinn air an aiseig, seach air an itealain.

Tha companaidh à Leòdhas air a ràdh gu bheil e comasach na pàipearan-naidheachd nàiseanta a chlò-bhualadh ann an Steòrnabhagh.

Tha mòran dhaoine sna h-Eileanan air a bhith a' gearain mu cho fadalach 's a tha na pàipearan a' tighinn thuca on thòisich iad a' tighinn thar an aiseig, seach air an itealan.

Ma gheibh iad cead bho na pàipearan-naidheachd nàiseanta, tha Lewis Printers a' tomhas gum bi na pàipearan ann am bùithtean a' bhaile aig 7:00m, agus aig 10:30m ann an sgìrean nas iomallaich.

Tha faisg air bliadhna on sguir na pàipearan-naidheachd a' tighinn a-steach dha na h-Eileanan air an itealan.

Cosgais

Bha na clò-bhualadairean a' tomhas gun robh e ro chosgail agus thòisich iad a' tighinn a-steach air na bàtaichean-àiseig.

Bha seo a' ciallachadh nach robh na pàipearan anns na bùithdean ann an Steòrnabhagh gu 2:00f, agus anmoch feasgair anns na sgìrean as iomallaiche.

Tha na bùithdean a' tomhais gu bheilear a' reic 20% nas lugha de phàipearan na bha iad nuair a bha iad a' tighinn a-steach sa mhadainn.

Tha a' chompanaidh Lewis Printers a-nis airson na pàipearan a chlò-bhualadh ann an Steòrnabhagh.

Ann an àiteachan thall-thairis, leithid Tenerife agus Malta, bithear a' clò-bhualadh nam pàipearan on dùthaich seo airson luchd-turais, ach tha iad tòrr nas cosgaile na tha iad aig an taigh.

Obraichean

Thuirt fear de stiùirichean na companaidh, Iain MacLeòid, nach biodh an aon thrioblaid aig muinntir nan Eilean Siar.

"Bha an t-uabhas cosgais acasan, aig na companaidhean a bha a' dèanamh nam pàipearan, a bhith gan cur suas an taobh seo air na plèanaichean.

"A-nise, nam bithear gan dèanamh san àite seo fhèin, cha bhiodh e càil na bu daoire," thuirt Mgr MacLeòid.

Image caption Tha faisg air bliadhna on sguir na pàipearan-naidheachd a' tighinn a-steach dha na h-Eileanan air an itealan.

Tha a' chompanaidh gu math misneachail a thaobh airgid, 's iad air bruidhinn ri diofar bhuidhnean o chionn 's gu bheil e gu math cosgail clò-bhualadair a cheannach.

"Tha e cosgail, ach tha daoine glè mhath againn air cùl na cùise aig a bheil airgead," dh'innis Mgr MacLeòid.

Le bhith a' stèidheachadh clò-bhualadair didseatach ann an Steòrnabhagh, bhiodh e comasach na pàipearan air fad a chlò-bhualadh agus thathas a' tomhas gun deadh obair do sheachdnar a chruthachadh.

Ghearradh e sìos gu mòr cuideachd air an uimhir de chàrbon a th' air a chaitheamh, rud a chòrdas ris a' Chomhairle agus ris an Riaghaltais.

Tha Lewis Printers ag ràdh gu bheil na planaichean aca aig ìre gu math adhartach, ach feumar cead fhaighinn bho na pàipearan-naidheachd fhèin mus fhaighear air an ath-cheum a ghabhail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo